"Claigeann" air tràigh
- Air fhoillseachadh
Thuirt Poilis a Chinn a Tuath gun deach rud a tha coltach ri claigeann mhic an duine a lorg air tràigh ann am Barraigh.
Chaidh fhaighinn air an 23mh den Ogmhìos.
Thuirt na poilis gu bheil sgrùdadh ga dhèanamh air gus dearbhadh an e claigeann th' ann.
Bha iad ag ràdh nach deach cnàmhan sam bith eile a lorg air an tràigh.
Thuirt iad cuideachd nach eil coltas ann gur e bàs a th' ann a thachair bho chionn ghoirid.