Tillidh Scott gu County
- Air fhoillseachadh
Dh'aontaich Ross County agus Hibernian gun tèid Màrtainn Scott air ais gu sgioba Inbhir Pheotharain air iasad bliadhna.
Bha Scott, 26, aig Ross County airson còig bliadhna, bho 2006, agus chluich e anns a' chuairt dheireannaich de Chupa na h-Alba ann an 2010 nuair a chaill na Staggies ri Dundee United.
Cuideachd, fhuair e tadhal nuair a rinn Ross County a' chùis air Celtic 2-0 anns an iar-chuairt dheireannaich dhan fharpais.
Tha Scott a' cluiche ann am meadhan na pàirce.
Bidh Ross County anns an SPL airson a' chiad turas a-riamh an ath sheasan.