Trèana far na rèile

Trèana bathair air a' chliathaich Image copyright Scotrail
Image caption An trèana faisg air Stèisean an Tulaich

Tha oidhirp ga dhèanamh trèana bathair a thoirt far na rèile air loidhne taobh siar na Gàidhealteachd an dèidh tubaist faisg air Stèisean an Tulaich.

Cha deach duine a ghoirteachadh san tubaist eadar a' Chrian Làraich agus an Gearasdan.

Bhuail an trèana, anns a bheil 24 carbad, ann an sprùilleach mu 7f oidhche Chiadain.

Thàinig clachan a-nuas air an rathad-iarainn ri linn na droch shìde.

Maoim-slèibh

Leis gun do thachair an tubaist ann an sgìre gu math iomallach, dh'fhaodadh e bhith gu math duilich an trèana a ghluasad.

Nithear sgrùdadh an-diugh faic cuin a ghabhas seirbheisean air an loidhne eadar an Gearasdan agus a' Chrian Làraich a thòiseachadh a-rithist.

Tha an loidhne dùinte cuideachd eadar a' Chrian Làraich agus Glaschu as dèidh maoim-slèibhe a bhith ann an sin.

Chuirear an t-seirbheis oidhche eadar an Gearasdan agus Lunnainn dheth air sgàth sin.

Seirbheisean mu dheas

Cha bhi seirbheisean rèile air prìomh loidhne an taobh sear eadar Dùn Eideann agus Newcastle leis gu robh tuiltean agus maoimean-slèibhe ann an sin cuideachd.

Tha seirbheisean air an taobh siar.

Dh'fhaodadh dàil a bhith orra, ge-ta, le cho trang sa tha iad.

Bha na ceudan dhaoine air trèana eadar Lunnainn agus Glaschu fad 15 uairean a thìde leis gu robh maoim-slèibhe ann an Cumbria.

Bha teine air bòrd an trèana an uairsin faisg air Logarbaidh.

Ràinig an luchd-siubhail Glaschu mu 3 uair sa mhadainn Dihaoine.