Hub Slàinte ùr dhan Tairbeart

  • Air fhoillseachadh
An TairbeartTùs an deilbh, Undiscoverd scotland
Fo-thiotal an deilbh,
Hub slàinte ùr dhan Tairbeart

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar ag ràdh gum bu mhath leotha mòr-ionad, neo "hub" slàinte, a stèidheachadh sna Hearadh le bhi a' leasachadh togalach air an Tairbeart mar ionad fiaclaireachd.

Bha seann ionad fiaclaireachd an Tairbeirt anns an t-seann osdail a chaidh a leagail gu làr bho chionn ghoirid.

Bha dà roghainn ga dheasbad leis a' bòrd slàinte an-dè air ciamar a bu chòir seirbhisean fiaclaireachd na sgìre a thoirt air adhart.

Bha iad le chèile a' cuairteachadh seann taigh an dotair sa bhaile, seann togalach cloiche a tha làimh ri ionad an dotair.

Se an togalach a leasachadh mar ionad fiaclaireachd a' chiad roghainn aca.

Chosgadh seo £433,000 agus chruthaicheadh e "mòr-ionad" neo "hub" slàinte anns an gabhadh seirbhisean eile a thoirt seachad.

Bha iad cuideachd a' beachdachadh air an t-seann taigh a leagail 's togalach ùr a chur na àite.

Chosgadh sin cha mhòr £500,000 not dhaibh.

Dragh san sgìre

Bha dragh anns an sgìre mun roghainn sin, 's daoine amharasach mu dè seòrsa togalach a dheadh a chur an àrd an àite an t-seann taigh.

Cho-dhùin am bòrd a' chiad roghainn a thoirt chun ath ìre dhealbhachaidh.

San eadar-ama thèid seirbhisean fiaclaireachd a thoirt seachad aig clionaig Scalpaigh.