Rèile gu bhith dùinte son ùine
- Air fhoillseachadh

Thachair an tubaist faisg air Stèisean an Tulaich.
Thuirt Network Rail nach fosgail loidhne rèile taobh siar na Gàidhealtachd dhan ath-sheachdain.
Tha obair a' leantainn son sprùilleach a thoirt far na loidhne as-dèidh tubaist faisg air Stèisean an Tulaich Diciadaoin.
Cha deach duine a ghoirteachadh san tubaist.
Thuirt Network Rail gu bheil an làrach faisg air an Tulaich cho iomallach 's gu bheil e a' fàgail chùisean dhaibh.
Bidh busaichean a' ruith eadar A' Chrìon Làraich agus an Gearasdan fhads a tha an obair a' dol air adhart.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 29 An t-Ògmhios 2012
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh