Airgead dhan Ghearradh Chruaidh

  • Air fhoillseachadh
Caisteal LeòdhaisTùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Urras Steòrnabhaigh an dòchas £4m fhaighinn air a' cheann thall son leasachadh air na gàrraidhean sa Ghearradh Chruaidh.

Fhuair Urras Steòrnabhaigh £195,000 bho Stòras a' Chrannchair Nàiseanta a dh'ionnsaigh planaichean son leasachadh a thoirt air a' Ghearradh Chruaidh.

Ma shoirbhicheas le planaichean an Urrais aig an ìre seo den phròiseict tha iad an dùil £4m eile fhaighinn bhon Stòras airson an gnothach a thoirt gu buil.

Thèid an t-airgead ùr seo a chosg air na planaichean a dhealbh agus bidh obraichean an cois na h-obrach.

"S e a' chiad cheum a chur ri chèile plana-obrach agus daoine fhasdadh ann an obraichean a bhios cudromach ann a bhith a' cur seo air adhart", thuirt Siamarlan Urrais Steòrnabhaigh, Iain MacIomhair.

"Tha sinn a' coimhead air leithid ranger agus daoine a bhios ag obair sa ghàrradh, daoine aig a bheil fiosrachadh a thaobh a bhith a' cumail suas gàrraidhean", thuirt e.

Drochaid

A bharrachd air obair air a' ghàrradh fhèin tha an t-Urras an dòchas obair a dhèanamh air na togalaichean a tha co-cheangailte ri Càisteal Leòdhais agus math dh'fhaoidte drochaid ùr a thogail ann an Ceann a' Bhàigh, gus am biodh e na b' fhasa do dhaoine coiseachad eadar meadhan Steòrnabhaigh agus na gàrraidhean.

"Tha sinn an dòchas piseach mòr a thoirt air an àite, chan e a-mhàin do mhuinntir an àite ach luchd-turais agus na ginealachdan a tha a' tighinn", thuirt Iain MacIomhair.

Bidh bliadhna a-nise aig Urras Steòrnabhaigh son sealltainn gum bu chòir dhaibh an còrr den airgead fhaighinn.

Ma thèid leotha rachadh an obair a dhèanamh thairis air ceithir no còig bliadhnaichean.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh