Mì-thoileachas mun Isle of Lewis

MV Isle of Lewis
Image caption Tha grunn thrioblaidean air bualadh air an Isle of Lewis anns na mìosan a chaidh.

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' sireadh chòmhraidhean ri Caledonian Mac a' Bhriuthainn agus an Isle of Lewis na tàmh a-rithist.

Dhearbh Cal Mac gu bheil trioblaidean teignigeach a' bualadh air a' bhàta agus nach seòl i a-rithist Dimàirt.

Tha iad air seòlaidhean a bharrachd a chur air slighe Uige - an Tairbeart.

Fàgaidh seirbheis an Tairbeart aig 20:00 agus às Uige aig 22:00.

Tha CNES a' gearain air an t-suidheachadh agus an Isle of Lewis na tàmh air sgath trioblaidean grunn thursan anns na beagan mhìosan a chaidh seachad.

"Tàmailteach"

"Tha sinne gu math tàmailteach mun seo is tha e a' tachairt uamhasach uamhasach tric", thuirt Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Iain MacAoidh.

"Tha e duilich aig àm sam bith ach an-drasta tha na laithean-saora ann, tha na sgoiltean air dùnadh, is tha clann is daoine a' tighinn sa falbh", thuirt e.

Thuirt Mgr MacAoidh nach eil an t-seirbheis mar a tha i an-drasta math gu leòr agus gun coinnich CNES ri Cal Mac.

"Bidh sinn a' bruidhinn riutha airson is gum faic sinn dè as aobhar gu bheil seo a' tachairt.

"Tha i dheth ro thric agus 's e sin an gearain as motha a th'aig a' Chomhairle", thuirt e.

Thuirt Cal Mac gu bheil iad fhèin tàmailteach mun t-suidheachadh agus gu bheil iad tuilleadh is toilichte coinneachadh ri comhairlichean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile