Urram MBE do bhreabadair

Dòmhnall Iain MacAoidh
Image caption Thuirt Dòmhnall Iain MacAoidh gur e urram mòr a bh'ann dha MBE fhaighinn.

Chaidh urram MBE a bhuileachadh air a' bhreabadair Dòmhnall Iain MacAoidh às na Hearadh.

Tha Mgr MacAoidh, a bhoineas do Loisgaintir, air a bhith ag obair ann an gnìomhachas a' Chlò Mhòr son 40 bliadhna.

Fhuair Mgr MacAoidh an urram aig cuirm aig Luchairt Holyrood ann an Dùn Èideann.

Thuirt e gun robh e "do-chreidsinneach" dha MBE fhaighinn.

Dh'innis e gun robh cùisean air a bhith doirbh aig amanan sa ghnìomhachas.

Cùmhnant

Thuirt e ge-tà gur e clach-mhìle a bh'ann nuair a fhuair e cùmhnant bhon chompanaidh Nike son a' chiad turas ann an 2003.

"Thug e toileachas mòr dhuinn - cha b'ann am feum a rinn e dhuinn fhèin, ged a bha sin na phàirt dheth - ach mar a thog e iomhaigh a' chlò agus a' ghnìomhachais agus am feum a rinn e aig an àm ud, thug e dha togail air an robh e gu math feumach", thuirt e.

A rèir Mhgr MhicAoidh tha gnothaichean a-nise a' coimhead fàbhorach do ghnìomhachas a' Chlò Mhòr.

"Tha fèill air a' chlò san fharsaingeachd.

"Tha e math an-drasta gu bheil òigridh a' tighinn a-steach dhan ghnìomhachas mar bhreabadairean, rud a bha sinn gu math feumach air.

"Tha an gnìomhachas - tha e a' dol bho neart gu neart", thuirt e.