Siorram a' càinneadh dachaigh chùraim

Dachaigh Chùraim Wyvis House
Image caption 'S ann ann a Dachaigh Chùraim Wyvis House a bha Ms NicCoinnich a' fuireach

Rinn Siorram càineadh air dachaigh chùraim agus ionad dhotairean às dèidh do sheann bhoireannach bàsachadh le lotan leaba.

Bha Seumasina NicCoinnich, a bha 87, a' fuireach ann an dachaigh chùraim Wyvis House ann an Inbhir Pheofharain, ach fhuair i bàs ann an Ospadal Inbhir Ghòrdain anns a' Cheiteinn 2009.

'S e luchd-altraim an sin a ghairm na poilis agus chaidh sgrùdadh a dhèanamh air an dachaigh chùraim.

Thuirt an Siorram, Alasdair MacFaidean nach deach sùil cheart a chumail air na lotan aig Ms NicCoinnich agus mus deach mothachadh air cho dona 's a bha iad, bha e ro anmoch.

Cnàmhan

Chuala rannsachadh tubaist bhàsmhoir (FAI) an-uiridh gun robh na lotan cho dona 's gun robhar a' faicinn nan cnàmhan aice.

A' foillseachadh nan co-dhùnaidhean aige air an rannsachadh, thuirt an Siorram gun do bhàsaich Ms NicCoinnich aig àm nuair a bha tòrr mì-chinnt am measg luchd-obrach aig an dachaigh chùraim mu cò bha an urra ri bhith a' coimhead às a dèidh.

Bha Ms NicCoinnich, a b'abhaist a bhith na lìghiche-sprèidh, fo chùram luchd-obrach aig Wyvis House agus na dotairean teaghlaich aig Ionad Mheidigeach Inbhir Pheofharain.

Thuirt an Siorram: "Chan eil teagamh sam bith gum bi teaghlach Ms NicCoinnich dhen bheachd nach deach cùram ceart a thoirt dhith anns na seachdainnean mus do bhàsaich i.

A' bruidhinn aig an FAI thuirt am pathologist, an Dotair Roslyn Rankin nach robh adhbhar airson nan lotan, agus nam biodh i air cùram ceart fhaighinn dh'fhaodadh Ms NicCoinnich a bhith beò bliadhnaichean mòra.

Teaghlach

"Nuair a bhiodh tu a' cur bann air an lot, bhiodh cothrom an cruachan aice fhaicinn," thuirt i.

Chuala an rannsachadh cuideachd bho fhear de chàirdean Sheumasina, Murchadh Dòmhnallach à Baile Eoghain.

Dh'innis e gun robh Ms NicCoinnich air a bhith ag obair thall thairis mus do ghluais i a Lunnainn, 's an uair sin gu Peairt, 's mu dheireadh dhan Ghàidhealtachd son 's gum biodh i faisg air a teaghlach.

Às dèidh dhi bàsachadh, sgrìobh Mgr Dòmhnallach do Choimisean a' Chùraim a' gearain mun dachaigh chùraim san robh i.