Cathraiche ùr MG ALBA

Maggie Choineagan Image copyright MG Alba
Image caption Maggie Choineagan Cathraiche MG Alba

Thòisich Magaidh Choineagan na dreuchd mar Chathraiche air MG ALBA - a bhuidheann a tha os cionn a bhith a' maoineachadh phrògraman telebhisean Gàidhlig.

Roimhe bha Magaidh Choineagan na ceannard air Radio Alba agus na ceannard air prògraman agus seirbhisean aig BBC Scotland.

Thuirt i gu robh i mothachail air na dùbhlainn a bh'ann a thaobh maoineachaidh.

Maoineachadh

A' bruidhinn air 'Aithris na Maidne, thuirt i ''tha a h-uile duine ag ràdh gur e maoineachadh an rud is cudthromaiche dhuinn tha fios aig daoine gu bheil sinn ag ath-chràoladh phrògraman.''

''Chan eil gearrainean air a bhith ann, ach chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil sin fada bhuainn.''

''Cuideachd tha dùbhlan romhainn fhèin obrachadh a mach dè ni sinn le maoineachadh ùr ma thig e.''

Bha i a mach cuideachd air dìth drama air BBC Alba agus beàrnan eile san t-seirbheis.

Beàrnan

''Tha fios aig a h-uile duine gu bheil dìth drama ann agus dìth sheirbheis deireadh sheachdainn,''

''Ged a tha spòrs math dha rireabh feumaidh sinn cumail cur ris a sin.''

Tha Ms Choineagain a' gabhail aite Alasdair Mhoireasdain a bha 'san dreuchd bho 2008 agus tha dùil gum bi i san dreuchd airson ceithir bliadhna.