Sheòl an Isle of Lewis

MV Eilean Leòdhais Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Bhuail trioblaidean teicnigeach air an t-soitheach dà thuras ann an cola-deug.

Dhearbh Caledonian Mac a' Bhriuthainn gun do sheòl an Isle of Lewis eadar Steòrnabhagh agus Ulapul na bu tràithe.

Chaidh cuideam a chur air Ministear Còmhdhail na h-Alba, Cè Mac Ille Dhuinn Dimàirt a dhol an sàs san deasbad mu na trioblaidean a th' air a bhith aig aiseag Steòrnabhaigh bho chionn ghoirid.

Bha seirbheisean dheth fad an là Dimàirt air sgàth thrioblaidean teicnigeach.

'S e an dàrna turas taobh a-staigh cola-deug a thachair an leithid.

Bha luchd-einnsiniridh ag obair tron oidhche airson na trioblaidean a chur ceart.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile