Ath-bheothachadh dual-chainnt na Comraich

An Àird Dhubh air a' Chomraich Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption 'S ann thairis air an 30 bliadhna mu dheireadh a bu mhotha a chrìon a' Ghàidhlig air a' Chomraich.

Cha chluinnear ro thric san là a th' ann mu Ghàidhlig air Tìr Mòr na Gàidhealtachd.

Chaidh an ceudad den t-sluagh a bhruidhneadh i ann an sgìrean air a' chosta an iar sìos gu luath thairis air na deicheadan mu dheireadh, bho a bhith gu math làidir suas gu meadhan na 20mh Linne.

Fhathast ge-tà, tha feadhainn ann an corra sgìre, leithid pàirtean de Ros an Iar, a bhruidhneas i mar a bha i aca riamh.

Chan eil i cho faisg air an t-seòrsa Ghàidhlig a chluinnear a bu thrice an-diugh, ach bha uair a b'iad dual-chainntean nam Mòr-thìreach a bu chumanta, seach dual-chainntean Eileanach.

Sgoil Bhàrdachd

Tha na ficheadan dhaoine fhathast ann an àiteachan leithid sgìre Gheàrrloch, Loch Carrann agus a' Chomraich ann an Ros an Iar, a bhruidhneas Gàidhlig nan sgìrean sin, ach chan eil cus dòchais gur fada a mhaireas na dual-chainntean.

Tha oidhirp a' dol ge-tà, gus dual-chainnt nan Rosach a chumail a' dol, aig ìre air choireigin.

Air a' Chomraich, àite a bha riamh am measg nan àiteachan a bu dhoirbhe fhaighinn thuca - air tìr co-dhiù - agus anns an do mhair an cànan, tha iomairt a' dol sa choimhearsnachd gus cothrom a thoirt don fheadhainn aig a bheil ùidh blasad fhaighinn de chainnt dhùthchasach na sgìre.

"Tha mi a' creidsinn gum beil suas ri còrr math is fichead bliadhna bho chanadh tu gun robh dual-chainnt cho mòr 's a bhiodh i uaireigin," thuirt Dòmhnall MacFhearghais, a bhuinneas don Chomraich.

"Chan eil uidhir dhe chèilidhean taighidh ann an-diugh 's a bh' ann uaireigin.

"Dar a char mise don sgoil cha robh guth Beurla agam, cha robh facal Beurla agam dar a char mi don sgoil. 'S e Beurla ionnsachdainn a rinn mi.

"Dar a bha mise òg bhiodh feadhainn a' coinneachdainn a's na taighean, 's bhiodh rudan mar sin a' dul, 's bhiodh sin a' cumail a' chànain beò.

"Agus cha robh am bocsa ann an oisean an t-seòmair mar a tha a-nis. Tha sin a' dèanamh diofar mòr cuideachd.

"Chan eil mòran den t-sluagh a th' a's an àite, chan eil iad a' bruidhinn Gàidhlig ann, bhon 's e coigrich a th' annta a thàinig a-staigh o àiteachan eile, agus bho dhùthaichean eile fiù.

"Ach tha feadhainn dhiubh a thaobh sin, tha aon bhoireannach a bh' a's a' chlas a bh' agamsa am bliadhna, agus 's ann às a' Rìoghachd Czech a tha i, agus tha ise glè kheen air an cànan ionnsachdainn.

"Rinn sinn beagan dheth, aon chlas dheth an-uiridh aig an sgoil-bhàrdachd a bh' againn, agus char e a-bhàn glè mhath.

"Agus tha sinn air a bhith a' feuchainn tron bhlidhna ri rudan mar sin a dhèanamh cuideachd.

"Ach gu mì-fhortannach cha robh uidhir a' tighinn gu na clasaichean againn am bliadhna, agus tha sinn a-rèiste ealbh beag nas fhaide air dheireadh na bu thoil leinn a bhith.

"Tha sinn an dòchas gum bi feadhainn eile dar a thòisicheas sinn a-rithist a bhiodh deònach an cànan a chleachdadh.

"Am bliadhna bha sinn a' dèanamh còrr dhe chòmhradh eadar a chèile a' feuchainn ris an rud a bhrosnachdainn mar sin.

"Agus dh'obraich e glè mhath. Cha robh againn ach ise (a' bhan-Czechach) sa bhun-ìre, ach bha triùir, uaireannan ceathrar, còignear againn ann an ìrean nas àirde.

"So bhiodh ise uaireannan a' fuireach a-staigh dar a bhiodh iads' ann agus bhiodh sinn a' dèanamh beagan còmhraidh ri chèile, agus bha ise an uair sin a' togail an-àirde ciamar a bha gnothaichean a' dul," thuirt e.