Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An t-Iuchar 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Itealain Tornado

Chan eil cus dòchais ann a-niste do dhithis criutha à itealan Tornado leis an RAF a chaidh sìos ann an Linne Mhoireibh an-dè. Cha deach obair-theasairginn a chur air dòigh dhaibh an-diugh. Tha e coltach gun do bhuail dà phlèana Tornado à RAF Inbhir Lòsaidh na chèile tràth feasgar an-dè. Chaidh an dithis criutha às aon itealain a thogail às a' mhuir agus a thoirt gu Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Barclays

Thèid Bob Diamond a dh'fhàg a dhreuchd mar àrd-oifigear aig Banca Barclays an-dè a cheasnachadh an-diugh mun sgainneal leis an riadh aig a' bhanca. Bidh comataidh de Bhuill-Phàrlamaid a' faighneachd dhasan dè b'aithne do Bhanca Shasainn, agus luchd-poileataigs agus don Riaghaltas Làbarach a bh' ann aig an àm mun chleachdadh sin.

Higgs Boson

Thuirt luchd-saidheans aig Ionad Rannsachaidh Niuclasach na h-Eòrpa ann an Geneva, gun d'fhuair iad sgeul air partaigil fo-atomach a tha a' tighinn a rèir an Higgs Boson, am pairtigil a tha iad ag ràdh a tha a' toirt tomad do phairtigealan fo-atomach eile. Tha an Higgs Boson bunaiteach do thuigse phiosaigs ged nach deach dearbhadh fhaighinn air riamh.

Ceòlas

Chaidh planaichean fhoillseachadh airson ionad-ealain agus ciùil ann an Uibhist a Deas a chosgadh £12m. Tha a' bhuidheann Ceòlas a' cur romhpa an t-ionad a bhith deiseil an ceann dà bhliadhna, agus gum biodh, am measg rudan eile, cùrsaichean ciùil agus Gàidhlig ann, a bharrachd air a bhith na mheadhan air cultar Gàidhlig.

Afganastan

Chaidh còignear shaighdear Aimeireaganach a leòn nuair a loisg duine ann an èideadh airm orra air taobh sear Afganastan. Tha e coltach nach eil duine dhiubh air an droch leòn.

Loidhne-rèile

Chaidh luach £650m de leasachadh ainmeachadh air an loidhne-rèile eadar Glaschu agus Dùn Èideann. Thèid ceudan chosnaidhean a chruthachadh agus gearraidh e deich mionaidean far ùine na slighe. Thèid Stèisean Sràid na Bànrighinn ann an Glaschu a leasachadh cuideachd mar phàirt den phròiseact.