Geamaichean mòra an Cupa MhicAmhlaidh

Caol Bhòid an aghaidh Bhaile Ùr an t-Slèibh.
Image caption Rinn Caol Bhòid a' chùis 2-1 air Baile Ùr an t-Slèibh son Chupa MhicAmhlaidh a bhuannachadh.

Bidh aire luchd-leantainn na h-iomain air farpaisean chupa a-rithist aig an deireadh-sheachdain agus an iar-chuairt dheireannach de Chupa MhicAmhlaidh gu bhith ann.

'B iad Caol Bhòid a thog an duais an-uiridh le dà thadhal anmoch sa gheama son a' chùis a dhèanamh air Baile Ùr an t-Slèibh, 2-1.

Chaidh an dà sgioba a-mach sa chiad chuairt ann am farpais na bliadhna seo, Caol Bhòid a' call 2-1 ann an Inbhir Aora agus am Baile Ùr a' dol sios 2-1 an aghaidh Chinn Loch Seile.

San iar-chuairt dheireannaich aig tuath thèid an Gearasdan an aghaidh Ghlinn Urchadain aig Pàirc a' Bhucht.

Chrìochnaich sgioba a' Ghearasdain gun duais idir an-uiridh, rudeiginn a bha na annas dhaibh às dèidh ghrunn bhliadhnaichean a bha soirbheachail dha-rìribh.

Cothrom

'S e Cupa MhicAmlaidh a-nise an aon chothrom a bhios aca air duais am bliadhna, agus bidh iad ag amas air an sgioba as làidire aca a chur air a' phàirc Disathairne, rud nach do thachair ro thric air an t-seusan seo.

Chaidh aig Garry Innes ri cluich son a' mhòr-chuid den gheama aca an t-seachdain seo chaidh agus bidh an Gearasdan beò ann an dòchas gum bi esan fut agus ann an sunnd Disathairne.

Do sgioba a' Ghlinne 's e cothrom a tha seo a dhol gu cuairt dheireannach agus 's e rud a tha sin nach eil a' tachairt ro thric dhaibhsan.

Bha seusan car measgaichte aca thuige seo ach tha iad air sealltainn gu bheil iad comasach air cluich aig àrd-ìre is iad air Ceann a' Ghiuthsaich a chur a-mach às an fharpais seo agus Baile Ùr an t-Slèibh a thoirt gu slaicean-peanais ann an Cupa MhicThàmhais.

B'abhaist do mhanaidsear a' Ghlinne, Drew MacNèill, a bhith os cionn sgioba a' Ghearasdain agus cha b'ann le deagh rùn a dhealaich an dà thaobh - 's dòcha gun cuir sin beagan ris a' gheama cuideachd.

Teann

Tha coltas geama teann air seo - ach 's dòcha gun dèan eòlas a' Ghearasdain air geamaichean mòra an diofar.

San iar-chuairt dheireannaich aig deas thèid Camanachd an Òbain an aghaidh Inbhir Aora aig Pàirc Mossfield.

Tha sgioba an Òbain a' dol gu làidir ann an Lìog Deas 1 agus a h-uile coltas ann gun till iad don Phrìomh Lìog aig deireadh an t-seusain, sin a dh'aindeoin àimhreit aig geama bho chionn beagan sheachdainean a dh'fhàg gun do sheas an sgioba-choidsidh a bh' aca sìos.

'S e fìor dhùbhlan a tha seo ge-tà an aghaidh Inbhir Aora - sgioba nach do chaill geama cupa fhathast air a' bhliadhna seo.

Thog iad an Cupa Ceilteach Disathairne seo chaidh an aghaidh Thaigh an Uillt 14-0.

Iognadh

Bidh cùisean nas duilghe dhaibh san Òban ach 's e iognadh a bhios ann mur a tig iad troimhe dhan chuairt dheireannaich air a' cheann thall.

Tha aona gheama ann an Cupa na Camanachd Disathairne is Caol Bhòid a' dol an aghaidh Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal ann an Taigh na Bruaich.

Bidh an sgioba a bhuannaicheas air falbh an aghaidh Chamanachd an Eilein Sgitheanaich san ath-chuairt.

Sa Phrìomh Lìog Disathairne tha cothrom aig Baile Ùr an t-Slèibh tilleadh dhan mhullach le dà phuing an aghaidh Chinn Loch Seile, ged nach bi sin idir furasta.

Tha Cill Mhàillidh a' cluich Chinn a' Ghiuthsaich son an dàrna Disathairne ann an sreath (bhuannaich Ceann a' Ghiuthsaich a' chiad gheama 3-1) is iad a' sìor ruith a-mach à geamaichean nan oidhirp gus fuireach sa Phrìomh Lìog.

Tha aona gheama eile ann agus Lòbhat a' siubhail gu deas son cluich an aghaidh Bhòid.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile