Triùir a-mach à ceathrar de chriutha RAF air bàsachadh.

  • Air fhoillseachadh
Tornado GR4Tùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,
Thàinig an dà itealan a-nuas ann an Linne Mhoireibh.

Tha Ministearalachd an Dìon (MOD) air dearbhadh gun do chaochaill triùir a bha an sàs ann an tubaist eadar dà itealan Tornado os cionn Linne Mhoireibh Dimàirt.

Tha an ceathramh duine fhathast a' faighinn cùraim ann an Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Cho-dhùin an MOD anmoch oidhche Mhàirt nach deadh iomairt teasairginn a thòiseachadh a-rithist airson lorg fhaighinn air dithis nach deach a lorg feasgar.

Tha dùil gun do bhuail dà Thornado ri chèile fhad 's a bha iad a-muigh air eacarsaich.

Chaidh an dithis a bh' air bòrd an itealain eile a thogail le heileacoptair leis an RAF agus a thoirt don ospadal ann an Inbhir Nis, far an do chaochaill fear dhiubh.

Bha an dà itealan GR4 stèidhichte aig RAF Inbhir Lòsaidh ann am Moireibh.

Thàinig fios mu 11:00f oidhche Mhàirt gun robh an iomairt-teasairginn air tighinn gu crìch airson lorg fhaighinn air an dithis chriubha a tha fhathast a dhìth ri linn droch shìde.

Thàinig na plèanaichean Tornado a-nuas mu 25 mìle an ear-dheas air Inbhir Ùige, mu Raon-ola Beatrice, goirid ro 2:00f.

Chan eil dearbhadh air nochdadh fhathast mu na dh'adhbharaich an tubaist, agus thèid làn-rannsachadh a dhèanamh oirre.