Dragh mu ghearradh seirbheis adhair an Uibhist

Tha draghan air nochdadh ann an Uibhist mu na thachradh do sheirbheisean slàinte nan deadh seirbheisean adhair na sgìre a ghearradh.

Tha an cùmhnant airson nan seirbheisean gu ruige Steòrnabhaigh, agus an t-seirbheis eadar Barraigh agus Beinn nam Fadhla a' tighinn gu crìch sa Mhàirt.

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' cumail co-chomhairleachaidh phoblaich air an t-seirbheis an-dràsta.

Aig coinneimh ann am Beinn nam Fadhla oidhche Chiadain bha mòran a' faireachdainn gum bu chòir seirbheisean fuireach mar a tha iad.

'S iad Comhairle na Eilean Siar a tha a' pàigheadh airson na dhà sheibheis adhair.

Tha iad a' coimhead an-dràsta feuch am bu chòir don t-seirbheis leantainn, agus ma 's e 's gum bu chòir, dè an ìre aig am biodh i.