Tairgse £250,000 sa bhliadhna don t-Sruthan

Tha muinntir sgìre an t-Struthain san Eilean Sgitheanach air gealltanas fhaighinn bho chompanaidh cumhachd a th' airson tuath-gaoithe a thogail ann, gum faigh iad £250,000 sa bhliadhna ma thèid gabhail ris a' phlana.

Tha an tabhartas sin nas àirde na an fheadhainn a fhuair iad bho chompanaidh leasachaidh sam bith eile.

Tha Kilmac Energy, a tha stèidhichte ann am Peairt, airson 18 crann a chur an-àirde ann an Gleann Uilbhinnis.