Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An t-Iuchar 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ceannairc

Chaidh sianar a chur an grèim ann an Lunnainn fo amharas gun robh iad ri ceannairc. Chaidh poilis le gunnachan gu ruige dachannan ann an Ealing agus ann an Newham, an dèidh rannsachaidh a rinn MI5 agus Scotland Yard 's iad an amharas gun robh buidhean Ioslamach ag ullachadh ionnsaighean air Breatainn.

An M6

Tha poilis le gunnachan a' cuairteachadh bus air rathad an M6 sna West Midlands ann an Sasainn. Tha an rathad dùinte gach taobh faisg air Lichfield. Cha chan na poilis dad, agus cha toir iad dearbhadh sam bith do dh'aithrisean gu bheil e co-cheangailte ri ceannairc, no aithris gun deach stuth ceimigeach a dhortadh san sgìre.

Gearraidhean an Airm

Thèid ainmean eachdraidheil agus bràistean-cìpe Battalion Airm na h-Alba a ghlèidheadh nuair a thèid gearraidhean anns na feachdan armaichte fhoillseachadh an-diugh. Tha an Riaghaltas ann an Lunnainn ag amas air an Arm a ghearradh bho 102,000 saighdear, gu 82,000 an taobh a-staigh ochd bliadhna, agus thèid Battalion Ghàidheal Earra-Ghàidheal is Chataibh a lùghdachadh gu inbhe companaidh a bhios ri seirbheis phoblaich leithid a bhith a' cur dìon air Lùchairt Holyrood.

Tubaist Thornado

Thèid oidhirp eile a dhèanamh an-diugh airson dithis a tha a dhìth ann an Linne Mhoireibh agus gun dùil riutha an dèidh do dh'itealan Tornado à RAF Inbhir Lòsaidh tuiteam chun na mara Dimàirt. Chaochaill fear de chriutha Tornado eile san ospadal agus tha an ceathramh fear gu math ìosal. Bidh tuilleadh fiosrachaidh mun chùis aig Rùnaire an Dìon, Philip Hamond, ann an Taigh nan Cumantan feasgar an-diugh.

Barclays

Chaidh inbhe Banca Barclays ìsleachadh agus dragh air a' bhuidhinn chreidis Moodys mu bhuaidh sgainneal an rèidh air a' bhanca, agus chan eil mòran coltais ann gu bheil an Riaghaltas ann an Westminster deònach gluasad bhon phlana a th' aca airson rannschadh pàrlamaid air cùis Barclays. Tha na Làbaraich ag ràdh ge-tà, gun lean iad orra ag iarraidh rannsachaidh phoblaich le britheamh.

Buidheann Chrìochan Bhreatainn

Chaidh fàgail air Buidheann Chrìochan Bhreatainn nach eil plana soilleir aca airson dèiligeadh ri in-imrich nuair a theirgeas a' Visa aca. Tha luchd-sgrùdaidh ag ràdh nach eil sgeul aig a' bhuidhinn air còrr is 150,000 duine air an deach iarraidh an dùthaich fhàgail.

Saiceòlas Foghlaim

Thuirt Luchd-sgrùdaidh nan Sgoiltean gun tàinig adhartas air seirbheisean saiceòlais fhoghlaim sna h-Eileanan an Iar. Dh'fhàilig Comhairle nan Eilean Siar an rannsachadh seo ann an 2009, agus thill an luchd-sgrùdaidh a h-uile bliadhna on uair sin. Ged a tha iad nas toilichte an turas seo, dh'iarr iad, am measg rudan eile, tuilleadh luchd-obrach fhaicinn anns an t-seirbheis.