Ministear ùr dhan Eaglais Shaoir
- Air fhoillseachadh

Chaidh fear a bha roimhe na Mhinistear ann an Eaglais na h-Alba, anns an Eilean Sgitheanach, a phòsadh ri coitheanal san Eaglais Shaor an nochd.
Dh'fhàg an t-Urr. Iomhair Dòmhnallach Eaglais na h-Alba an dèidh dhan Àrd-Sheanadh diùltadh gu ruige seo, bacadh a chur air ministearan gèidh.
Bha an t-Urr. Dòmhnallach roimhe na mhinistear do dh'Eaglais na h-Alba ann an Cille Mhoire agus Stèinseall.
Ach dh'fhag e Eaglais na h-Alba is e mì-thoilichte mu sheasamh na h-Eaglaise air ministearan gèidh.
Dh'aontaich Àrd-sheanadh na h-eaglaise gun toireadh iad sùil air a bhith a' ceadachadh mhinistearan gèidh an-uiridh.
Thèid aithisg air a' chùis mu choinneimh an Àrd-sheanaidh an ath-bhliadhna.
Tha cuid de mhinistearan den bheachd nach bu chòir dhan eaglais a bhith a' beachdachadh air a leithid de rud ann, an t-Urr. Dòmhnallach nam measg.
Thuirt e gun robh an eaglais a-nis air a dhol gu tur libearalach, ann an dòigh raidigeach.
Thuirt e cuideachd gun robh cunnart ann cun cailleadh an eaglais buill shoisgeulach, an dèidh dhaibh teagasg a' bhiobaill a sheachnadh.
Chaidh an t-Urr. Dòmhnallach a phòsadh ri coithional Coatbridge na h-Eaglaise Saoire.
Thuirt riochdaire bhon Eaglais Shaoir gun robh iad air leth toilichte fàilte a chur air an Urr. Dòmhnallach.