Cùmhnant Taigh na Hearadh ga chur a-mach gu tairgse

Tairbeart na Hearadh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Dh'fhailig air tagradh na companaidh ùir UB Hebrides.

Tha an cùmhnant airson dachaigh-chùraim ùir Taigh na Hearadh ga chur a-mach gu tairgse a-rithist.

B'fheudar stad a chur air an obair, ri linn 's mar a chaidh a' chompanaidh togail UBC fodha ann am fiachan anns a' Chèitean.

Dh'fhàilig cuideachd le tagradh bho UB Hebrides, companaidh ùr co-cheangailte ri UBC.

Cha tàinig aonta air cùmhnant a bh' air a mheas freagarrach bhon uair sin, airson crìoch a chur air a' phròiseact, a chosgas mu £4.5m.