Buaireadh mu loidhne-rèile thaobh siar na Gàidhealtachd

Baile a' Ghearasdain Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Thàinig trèana bathair far na rèile air a' mhìos a chaidh, 's tha an loidhne dùinte bhon àm sin.

Tha dragh ann gu bheil mar a tha loidhne-rèile thaobh siar na Gàidhealtachd dùinte a' cur bacadh air ghnìomhachas na turasachd anns a' Ghearasdan agus ann an Loch Abair.

Tha an loidhne fhathast dùinte, an dèidh mar a thàinig trèana bathair far na rèile faisg air stèisean na Tullaich air a' mhìos a chaidh.

Tha muinntir a' Ghearasdain ag ràdh gu bheil am baile gu math nas sàmhaiche na bhiodh dùil aig àirde an t-Samhraidh.

Tha fear de chomhairlichean na sgìre, Brian Murphy, ag ràdh gu bheil seo a' cur tuilleadh trafaig air an A82, air a bheil mòran a' gearain cuideachd.

Gearradh Dheth

"Chan eil ach aon rathad a-steach 's aon rathad a-mach," thuirt Calum Mac a' Ghobhainn, a th' air a bhith bliadhnaichean ag obair san turasachd anns an sgìre.

"A thuilleadh air sin chan eil ann ach an rèile. Agus mar sin tha buaidh mhòr aig rud sam bith a thachras air an rèile, gu sònraichte an rud a thachair an-dràsta gu bheil e air a dhol dheth, gu farsainneach.

"Tha am baile gu math sàmhach an-dràsta. Chan eil sinn leth cho trang 's a bu chòir dhuinn a bhith mun tìde seo den bhliadhna.

"Tha mi deimhinnte às gu bheil rudeigin aig an rud a thachair leis an trèana ri dhèanamh ri sin.

"Tha daoine a' tighinn à Lunnainn air an Sleeper. Nise, ma tha aca ri thighinn bhon trèana aig sia uairean sa mhadainn airson a dhol air bus airson dhà no trì uairean de thìde a thighinn suas chun a' Ghearasdain, tha iad a' dol a' smaoineachadh dà uair mus dèan iad sin.

"Ged nach biodh ann ach sin fhèin, tha tòrr a' tighinn air an Sleeper, agus tha e a' toirt buaidh air an fheadhainn a tha a' tighinn suas an seo," thuirt e.

Chan ann a-mhàin air an turasachd a tha an suidheachadh a' toirt buaidh, ach air a bhith a' faighinn bathair air ais 's air adhart.

Leis gu bheil an loidhne-rèile dùinte, feumaidh gu leòr den bhathair a dhol air an rathad.

"Tòrr de na tha a' tighinn a-steach air an rèile chan urrainn dhaibh a chur air an rathad, agus chan eil an rathad a tha sin math idir.

"Ma tha cus a bharrachd trafaig ga cur air an rathad sin, chan eil sin gu bhith math dhan rathad fhèin.

"Ma leanas seo, tha e gar gearradh dheth. Chan urrainnear a chur ann am faclan eile," thuirt e.