Ìomhaigh Ghlan a' Bhùidseir

  • Air fhoillseachadh
Modal creadha den ìomhaigh-shnaighteTùs an deilbh, Tae Hyung Kim
Fo-thiotal an deilbh,
Thèid leigeil leis an t-siaban crìonadh san aimsir fad bliadhna.

Bha tè-ealain à Coiria, Meekyoung Shin, air a h-aire a thoirt do leac, ann an teis-meadhain Ceàrnaig Chavendish ann an Westminster, air nach robh ìomhaigh-shnaighte.

Chuir i roimhpe gun robh i airson an cothrom bàn a bha seo a chleachdadh gus pìos a dhèanamh i fhèin - a-mach à siaban, mar is gnàth dhi - a sheasadh mar shamhla air mar a tha sinn a' coimhead ri cuimhneachain phoblach, agus air ar n-eachdraidh gu farsainn.

Thagh i cuspair thar a bhith connspaideach airson na h-obrach ùir aice ge-tà.

Bha uair a b'i ìomhaigh-shnaighte de Dhiùc Chumberland "Bùidsear Chùil Lodair" a bh' air an lic, agus 's i an t-ìomhaigh sin a tha i air ath-chruthachadh, ann an stuth nach eil cho maireann ris an umha a bh' anns a' chiad tè.

Tèarainnteachd na Stàite

Thugadh sìos an t-ìomhaigh a bh' ann ann an 1868, ri linn droch chliù an Diùc, agus sealladh romansach air na Gàidheil a' fàs fasanta.

Dar a chaidh an t-ìomhaigh a chur suas ge-tà, bha muinntir an establishment ga choimhead mar laoch mòr, a bh' air cobhair èiginneach a dhèanamh air Taigh Hanòbhair, agus air riaghladh Pròstannach Bhreatainn.

Chaidh Diùc Chumberland a chur a dh'Alba airson casg a chur air Ar-a-mach nan Seumasach.

Air an t-16mh là den Ghiblean 1746 sheas feachdan an Riaghaltais an aghaidh nan Seumasach aig Cùil Lodair. Bha am blar seachad ann am beagan a bharrachd is uair de thìde, agus leis, dòchas nan Seumasach air a' Chrùn.

B'e na rinn an Diùc an dèidh sin a thug a chliù dha, agus gu leòr ag ràdh gun robh e ri eucoir cogaidh.

Tùs an deilbh, Tae Hyung Kim
Fo-thiotal an deilbh,
Sgaoilidh an siaban boladh fhad 's a chrìonas e.

B'e sin mòr-mhurt, losgadh thaighean, agus mèirle cho mòr 's a chunnacas air Ghàidhealtachd.

Chaidh saighdearan Seumasach a bh' air an leòn anns an àr-fhaich a bhualadh, a shàthadh, no a ghun-losgadh gu bàs, agus chuireadh prìosanaich ann an luingean groda, anns am bàsaicheadh gu leòr dhiubh.

Chaidh a h-uile beathach cruidh a ghabhadh lorg air cluaintean a' chinn a tuath a thrusadh, agus a reic, gus eaconamaidh nam Fineachan a sgrios.

Chaidh saighdearan fo stiùir an Diùc a-steach gu bailtean beaga air feadh na Gàidhealtachd a mhuirt nam fireannach ma bha iad an amharas gun robh iad air èirigh leis a' Phrionnsa Teàrlach (agus uaireannan co-dhiù bha amharas ann), gus na boireannaich èigneachadh, gus mullaichean nan taighean a losgadh, agus creach a thogail.

Boladh

Bha eagal mòr air an Riaghaltas ro na Gàidheil aig an àm, agus iad air ruaig a chur le claidheamhan agus dànachd air feachdan ùr-nodha an Riaghaltais dà thuras.

Bhathas mar sin a' meas nach b'fhiach truas sam bith a nochdadh do mhuinntir na Gàidhealtachd.

Ann an 1770, air sgàth na rinn e a chum tèarainnteachd na Stàite a ghlèidheadh, thogadh ìomhaigh-shnàighte den Diùc ann an Lunnainn.

Tha an co-dhùnadh mac-samhail a chur na h-àite (cha robh càil air an lic bho 1868), air connspaid adhbharachadh.

Thuirt Rosemary NicCuinn bho Chomhairle Bhaile Westminster gu bheil e cudromach gum bi sluagh Bhreatainn nas mothachail air eachdraidh na dùthcha.

Ach thuirt an Comh. Ruairidh Balfour, a tha a' riochdachadh sgìre Chùil Lodair, gu bheil a' chuis a' dèanamh dìmeas air sluagh na h-Alba air fad.

Thèid an t-ìomhaigh ùr fhoillseachadh air 24mh an t-Iuchair.

Chan fhada a mhaireas i ge-tà, agus i gu bhith fosgailte do shiantan mòra na h-aimsire fad bliadhna.

Fhad 's a chrìonas an siaban, sgaoilidh e boladh a tha na bhroinn air feadh na ceàrnaige.

Chan fhios an ann cùbhraidh, no grod, a bhios am boladh sin.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh