Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An t-Iuchar 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

PC Ian Dibbell

Tha poilis ag ullachadh airson fiosrachadh a thoirt seachad mu ghluasad cudromach tha iad ag ràdh, ann an cùis an oifigeir phoilis Ian Dibbell, a chaidh a mharbhadh nuair a chaidh losgadh air le gunna ann an Clacton ann an Essex an-dè. Dhùin na Poilis pàirt de bhaile bheag Writtle, faisg air Chelmsford. Thuirt iad nach eil an duine a tha fo amharas, Peter Reeve, na chunnart tuilleadh dhan mhòr-shluagh. Tha aithrisean ann nach eil dearbhte, gun deach corp fhaighinn anns an sgìre.

Bob Diamond

Dh'aontaich seann àrd-oifigear Barclays, Bob Diamond, nach gabh e bònas luach £20m. Dh'fhàg Mgr Diamond a dhreuchd an t-seachdain seo chaidh, nuair a chaidh càin de £290m air a' bhanca airson feuchainn ris an riadh a stèidheachadh aig ìre a fhreagradh air a' bhanca. Ach gheibh e pàigheadh bliadhna, peinsean agus buannachdan eile a thig gu £2m.

Osborne

Tha Ball-Pàrlamaid Tòraidheach am measg na tha ag ràdh a-niste gum feum an Seansalair, Seòras Osborne, a leisgeul a thabhann air Seansalair nan Làbarach, Ed Balls, agus coltas ann gun do chuir Mgr Osborne às leth Mhgr Balls gun robh pàirt aigesan san sgainneal mun riadh. Thuirt Andrea Leadsom gun do rinn Mgr Osborne mearachd.

Càrlabhagh is Breascleit

Thèid faighneachd do mhuinntir Chàrlabhaigh, Bhreascleit agus Chalanais ann an Leòdhas a-nochd a bheil iad airson am fearann a cheannach. Bidh eòlaichean fearainn aig a' choinneimh phoblaich ann an Talla Bhreascleit airson comhairle a thoirt orra.

An Spàinn

Dh'aontaich ministearan ionmhais Sòn an Euro, £30bn a thabhann air an Spàinn ro dheireadh na mìos airson cuideachadh a thoirt do bhancaichean na dùthcha sin. Thàinig iad gu aonta an dèidh naoi uairean de thìde de chòmhraidhean anns a' Bhruiseal.

Factaraidh Halls

Tha comhairlichean Thaobh Siar Labhdainn a' coinneachadh an-diugh a dheasbad suidheachadh factaraidh giollachd na feòla aig a' chompanaidh Halls ann am Broxburn. Tha 1,700 cosnadh ann an cunnart aig an fhactaraidh, agus tha dragh ann cuideachd mun bhuaidh air tuathanas, agus a' chompanaidh às an Òlainnd dham buin an fhactaraidh ag ràdh nach fhiach a cumail a' dol leis gu bheil i a' call airgid.

Trump

Tha Dòmhnall Trump a' dèanamh fosgladh oifigeil an-diugh air a chùrsa ghoilf ùr ann an Siorrachd Obar Dheathain, agus buidhnean glèidhteachais fhathast a' gearain mun leasachadh. Dh'iarr Urras Fiadh-bheatha na h-Alba air na goilfearan feadhainn de na tuill air a' chùrsa a sheachnadh.

Alasdair MacAmhlaigh

Tha fear air an robh luchd-èisteachd nan naidheachdan air Radio nan Gàidheal gu math eòlach aig aon àm gu bhith na mhinistear air an Eaglais Shaoir ann am Baile Dhùbhthaich air Taobh Sear Rois. Bha an t-Urr. Alasdair MacAmhlaigh ag obair dhan BhBC airson iomadh bliadhna mus deach e a-steach airson na ministearachd. Tha e air ùr-thighinn a-mach à Colaiste na h-Eaglaise Saoire, agus thèid a phòsadh ri coithional Bhaile Dhùbhthaich air an ath-mhìos.