BBC Naidheachdan

Ministear ùr am Baile Dhubhthaich

Published
image captionBha an t-Urr. MacAmhlaigh ag obair do Radio nan Gàidheal fad iomadh bliadhna.

Tha fear air an robh luchd-èisteachd nan naidheachdan air Rèidio nan Gàidheal gu math eòlach aig aon àm a' dol na mhinistear aig an Eaglais Shaor ann am Baile Dhubhthaich air Taobh Sear Rois.

Bha an t-Urramach Alasdair MacAmhlaigh ag obair dhan BhBC airson iomadh bliadhna mus deach e a-steach airson na ministrealachd.

Buinnidh e do Bhreascleit ann an Leòdhas.

Tha e air ùr thighinn a-mach à Colaiste na h-Eaglaise Saoire, 's thèid a phòsadh ri coithional Bhaile Dhubhthaich an ath mhìos.