Fhuaireadh cead ro-obair airson seach-rathad Inbhir Nis

Map den seach-rathad Image copyright HIGHLAND COUNCIL
Image caption Slighe an seach-rathaid a thagh a' Chomhairle

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air cead dealbhachaidh a thoirt seachad airson ro-obair a dhèanamh air rathad connspaideach ann an Inbhir Nis.

Chleachd oifigich cumhachdan sgaoilte gus an urrainear rannsachadh a dhèanamh air a' bhuaidh a dh'fhaodadh an rathad - Ceangal an Iar - a thoirt air talamh ri taobh Abhainn Nis.

Dh'aontaich Comhairlichean na Gàidhealtachd anns a' Mhàirt an t-slighe a ghabhas an seach-rathad.

Chosgadh am plana £27m 's dh'fheumte trì drochaidean ùra a thogail.

Tha feadhainn a tha taiceil ris a' phlana ag ràdh gun lùghdaich e ìrean trafaig sa bhaile, agus gun tèid fearann a shaoradh air an gabhadh taighean an uair sin a thogail.

Ach, tha dragh air daoine mu bhith a' call fearainn pàirce air a bheil mòran measail.

Thuirt Iain West, a tha a' strì an aghaidh a' phlana, nach eil e ceart e a bhith a' dol air adhart mar seo, 's mòran cheistean ann ma dheidhinn fhathast.

Tha am BBC a' feitheamh freagairt bhon Chomhairle air na draghan a thog Mgr West.

Gheall a' Chomhairle bho chionn ghoirid, sùil a thoirt as ùr air a' phròiseas fo an deach co-dhùnadh a ruighinn air slighe an rathaid.

Thuirt a' Chomhairle aig an àm, gur e an roghainn seo - an t-siathamh roghainn air an robhas a' beachdachadh - an cothrom as fheàrr leigeil le obair togail tòiseachadh ann an 2015.