Rabhadh mu fhoill air Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Tha na poilis air Ghàidhealtachd a' toirt rabhaidh do dhaoine a bhith air am faiceall, agus feadhainn a' sireadh dhaoine a bhiodh deònach a dhol nan actairean "extra" ann am film uabhais ùr.
Fhuair na poilis aithrisean bhon phobal mu chompanaidh a tha ag ràdh gun tèid am film "Wood Evil" a dhèanamh ann an coille Innis na Ceàrdaich, faisg air Cille Chuimein, a dh'aithghearr.
Tha feadhainn air puist-d fhaighinn bho chompanaidh a tha ag iarraidh £60 bhuapa, agus ag innse dhaibh gun deach an taghadh mar extra san fhilm.
Tha na Poilis ag ràdh nach iarradh companaidh film a leithid air daoine.
Chan eil fhios dè an t-ainm a th' air a' chompanaidh.
Chaidh fios a chur air VisitScotland an toiseach, agus chuir iadsan fios air na Poilis.
Chan eil na Poilis, no Coimisean Film na Gàidhealtachd air fios fhaighinn mu fhilm den leithid a bhith ga dhèanamh anns an sgìre, agus tha iad den bheachd gur e foill a th' ann.
Dh'innis a' chompanaidh do dhaoine a fhuair na puist-d gun deach àite-fuirich a chur air dòigh dhaibh aig taigh-aoigheachd ris an canar "Millfield", ged nach eil leithid de thaigh-aoigheachd san sgìre.
Chaidh iarraidh air duine sam bith aig a bheil dragh mu dheidhinn fios a chur air na Poilis air 0845 6005703 no air Crimestoppers: 0800 555 111.