Cùis na Pàirce aig Cùirt an t-Seisein

Cùirt an t-Seisein
Image caption Tha Mgr Lomas a' cur ceist ann an laghalachd na h-Achd fhèin.

Tha dùil gun tig suidheachadh Oighreachd na Pairc ann an Leodhas air beulaibh Chùirt an t-Seisein Diciadain.

Tha an t-uachdaran, Barry Lomas, a' feuchainn ri dearbhadh nach bu chòir do dh'Achd Ath-Leasachaidh an Fhearainn seasamh anns an lagh.

Tha seo a' tighinn às dèidh do chroitearan feuchainn ris an Achd a chleachdadh airson am fearann a cheannach an aghaidh toil an uachdarain.

Ach ged a bheir a' chùis buaidh air na croitearan, 's ann eadar an t-uachdaran agus an Riaghaltas a tha a' chùis-lagh seo.

Tha faisg air ochd bliadhna bho thòisich croitearan oighreachd na Pàirce feuchainn ris an oighreachd a cheannach, le bhith a' cleachdadh earrainn a trì de dh'Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn.

Ach às dèidh iomadach dàil is argamaid, tha an t-uachdaran Barry Lomas a-nis air ceist a chur anns an Achd fhèin.

Tha na fir-lagha aige ag ràdh gun deach Riaghaltas na h-Alba thairis air an cumhachdan ann a bhith a' dealbhachadh na h-Achd, agus gu bheil cuid dhith tha a' dol an aghaidh Chòirichean a' Chinne Daoine.

Tha cùis eile fhathast ann an Cùirt an t-Siorraidh ann a Steòrnabhagh far a bheil Mgr Lomas a' cur ceist anns an dòigh san do chùm na croitearan a' bhòt a thug dhaibh taic gu leòr airson feuchainn ri sealbh fhaighinn air an fhearann, ach cha tèid sin càil nas fhaide gus an tèid breith a thoirt air laghalachd na h-Achd fhèin.

Tha dùil gun seas a' chùis dà là, ach chan eil cinnt fhathast cuin a thèid breith fhoillseachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile