Càineadh mu chroisean-rèile fosgailte

Aonghas agus Màiread MacAoidh Image copyright Other
Image caption Chaidh Aonghas agus Màiread a mharbhadh san tubaist, còmhla ri bràthari Aonghais, Dòmhnall.

Tha mac cupail a chaill am beatha ann an tubaist aig crois-rèile fhosgailte ann an Gallaibh a' fàgail air Network Rail gu bheil siostam bhònasan na companaidh a' toirt air àrd-oifigearan gearraidhean a chur an gnìomh a dh'aindeoin na buaidhe air sàbhailteachd.

Bhàsaich triùir anns an tubaist air crois-rèile ann an Hàcraig san t-Sultain 2009.

B'iad Aonghas agus Màiread MacAoidh, agus bràthair Aonghais, Dòmhnall.

Dh'innis Neach-casaid a' Chrùin nach bi rannsachadh tubaist bhàsmhor ann, leis gu bheil Network Rail an dèidh atharrachaidhean a chur an gnìomh aig an làraich, airson a' chrois-rèile a dhèanamh nas sàbhailte.

Tha mac Aonghais is Màiread, Dòmhnall Aonghas, ag ràdh nach eil na rinn a' chompanaidh math gu leòr.

"Tha trioblaidean an cois sgeama bhònasan na h-àrd-mhanaidsearachd," thuirt Dòmhnall Aonghas MacAoidh.

"Agus tha sin dha-rìribh gam brosnachadh gus gearradh air ais air sàbhailteachd.

"'S e brosnachadh gòrach a th' ann.

"Chunnaic sinn mar a bhios na bancaichean dàna, agus mar a dh'fheumas an sluagh a' chosgais a ghiùlain.

"Tha e mar an ceudna le Network Rail. Nì iadsan na bònasan aca, agus bidh am pobal a' pàigheadh na prìse - ann am fuil," thuirt e.

Thuirt Network Rail gun do rinn iad rannsachadh mionaideach air an tubaist còmhla ri Meur-sgrùdaidh nan Tubaistean Rèile.

Thuirt labhraiche gun robh iad an sàs ann an "gnìomh susbainnteach" aig croisean-rèile a tha ag amas air an cunnart a lùghdachadh.

Tha iad cuideachd a' leasachadh air cosgais ìosal, bacaidhean goirid a dh'fhaodar a chleachdadh airson croisean fosgailte a dhùnadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile