Kerry Nic a' Phì aig farpais na h-Eòrpa

Kerry Nic a' Phì
Image caption Bidh Kerry a' farpais anns an Òlaind air an deireadh sheachdain seo.

Tha mi fhèin air a bhith eolach air Kerry Nic a' Phì on bha sinn san sgoil còmhla ann an Uibhist.

Dh'fhàg mise naoi bliadhna air ais, agus Kerry bliadhna às mo dhèidh is chan eil mi air mòran fhaicinn dhith on uair sin.

Tha i air tighinn gu aire luchd-aithris spòrs o chionn ghoirid an dèidh mar a bhuannaich i Cross-Triathlon Bhreatainn an-uiridh.

Chaidh mi fhèin a cheilidh oirre an t-seachdain seo chaidh ann an Sruighlea, far am bi i ag obair agus a' trèanadh, 's i a' dèanamh desieil son dà fharpais.

Doirbh

Cha deach ro mhath sa chiad tè dhiubh, is i a' fulang le trioblaidean amhaich. Dh'fheumadh a slaodadh a-mach às an uisge aig farpais Xterra na Frainge.

An deireadh sheachdain seo ge-tà, bi i a' gabhail pàirt ann am farpais na h-Eòrpa.

Dh'innis i dhomh gu bheil e doirbh a bhith a' trèanadh son farpais cho cruaidh agus a bhith ri obair a chumail aig an aon àm.

"Tha e doirbh, 's e an rud as duilich, faighinn fois gu leòr. Ma tha thu a' dèanamh seisein chruaidh is an uair sin a' dol gu obair bidh e gad fhàgail gu math sgìth.

"Feumaidh tu a bhith deiseil son a h-uile seisein a tha thu a' dèanamh, is ma tha thu rud beag sgìth, chan eil thu a' faighinn buannachd as."

Tha farpais na h-Eòrpa a' gabhail àite san Hague anns an Òlaind, is thèid Kerry, a thàinig san dara h-àite ann am farpais na h-Alba an-uiridh agus ann an 2010 an aghaidh tòrr luth-chleasaichean nach eil ag obair is a tha an lùib na Spòrs fad na h-ùine, is a bhios a' faighinn taic-airgid an cois sin.

"Bidh baidhseagalan mòra spaideil aca, ach chan eil sin gu diofar, feumaidh mi cumail orra gus an ruig mi an aon ìre. Is thig sponsorship an cois sin, 's e "catch 22" a th' ann an-dràsta le cho teann 's a tha airgead.

Chan e dad dheth sin a tha a' cur dragh orra ge-tà.

"Tha mo mhàthair is mo phiuthar a' tighinn gus mo choimhead. Chan eil mo mhàthair air m' fhaicinn a' rèiseadh riamh. Feumaidh mi ràdh ri mo mhàthair, "Tha mi duilich, ach chì mi sibh aig deireadh na rèise.""

"An rud a thachradh bhithinn a' dèanamh cinnteach gun robh a h-uile sian OK, is chan fheum mi sin idir."

Le bhith a' coimhead air an fharpais an deireadh sheachdain seo far am feum gach neach a tha a' gabhail pàirt, 1km a shnàmh, 9km a ruith agus 26km a dhèanamh air baidhseagal, tha mi an dòchas gur e sin an trioblaid as motha a bhios aice.