Cuirear tagaichean ann an cearbain a' chost an iar
- Air fhoillseachadh
Tha Dualchas Nàdair na h-Alba a' tòiseachadh sgeama sgrùdaidh air cearbain anns na h-uisgeachan eadar Colla agus an t-Eilean Sgitheanach.
Ann an co-bhann le oilthigh Exeter, tha iad airson barrachd fhaighinn a-mach mu ghluasadan nan cearban, a th' air a' ghnè siorc as motha ann an uisgeachan Bhreatainn.
Cuiridh iad tagaichean saideil ann am 20 cearban, 's bidh e air chomas dhaoine sùil a chumail orra tro làrach-lìn Dhualchas Nàdair na h-Alba.
Tagaichean Titanium
Thèid na tagaichean a chur an sàs le gathan titanium air pòla agus tuitidh iad far nam beathaichean an ceann ghrunn mhìosan.
Thathas ag amas air gluasadan nam beathaichean a chlàradh agus barrachd fhaighinn a-mach mun dol-a-mach aca, 's iad tric a' biathadh ann an àireamhan mòra faisg air uachdar na mara tro mhìosan an t-Samhraidh.
Bidh iad cuideachd gan sgrùdadh airson corra mhìos às dèidh sin, a dh'fhaighinn a-mach mu na tha na cearbain a' dèanamh, 's càite a bheil iad a' dol anns a' Gheamhradh.
Gheibhear a-mach, tha iad an-dòchas, am bi iad a' gluasad gu uisgeachan nas doimhne an uair sin, neo fiù 's a' fàgail uisgeachan na h-Alba buileach.
Thathas airson 's gun cùm daoine sùil a-mach airson nan tagaichean fhèin às dèidh dhaibh tuiteam far nan cearban, leis gum biodh fiosrachadh a bharrachd ri fhaotainn bhuapa sin.
Na h-Eileanan Beaga
Bidh an obair a' dol anns a' mhuir timcheall Cholla agus Thiriodh, a bharrachd air eilean Heisgeir, faisg air Canaigh.
Tha SNH ag ràdh gu bheil na h-àiteachan seo tric trang le cearbain le àireamhan mòra dhiubh ann as t-Samhradh, agus thathas a' faicinn nan cearban a' dèanamh rudan san sgìre seo nach eil follaiseach an àite sam bith eile, mar a bhith a' briseadh an uachdair 's a' leantainn a chèile.
Tha seo a' toirt orra a bhith a' smaoineachadh gu bheil an sgìre seo cudromach ann am beatha nan cearban.
Tha bruidhinn ann air sgìre mhara ghlèidhte (MPA) a stèidheachadh san sgìre cuideachd.
Tha leithid de sgeamaichean air a bhith connspaideach ann an sgìrean eile - timcheall chladaichean Bharraigh gu seachd àraid.
Thuirt Dualchas Nàdair na h-Alba gun leig am pròiseact seo leotha fiosrachadh fhaighinn air co-dhiù biodh e iomchaidh MPA a stèidheachadh airson na cearbain a dhìon.
Thuirt iad cuideachd gun toir e fiosrachadh nas fheàrr dhaibh air a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig tuath-gaoithe mara a tha san amharc an iar air Tiriodh air na beathaichean.