An t-ionnsachadh òg

Iseabail Laws Image copyright BBC Alba
Image caption Tha Iseabail ag iarraidh a dhol na sgiobair là brèagha air choireigin.

Tha nighean-sgoile air obair-shamhraidh fhaighinn dhi fhèin air a' bhàt-aiseig mu dheireadh an Alba air a bheil bòrd-chàraichean a th' air a thionndadh le làimh.

Tha Iseabail Law, a tha 14 agus a bhuinneas do Chaol Reatha, a' trèanadh an-dràsta mar bhall de chriutha bheag a' Ghlinn a' Chaolais, a tha a' ruith eadar Caol Reatha anns an Eilean Sgitheanach agus Gleann Eilge air Tìr Mòr.

'S e an t-aiseag as sine a th' ann a tha a' dol eadar an t-Eilean agus Tìr Mòr, agus fios le cinnt gu bheil e air a bhith ann o co-dhiù 1773, agus i air a bhith a' giùlain chàraichean bho 1934.

Bheir an soitheach, a tha 40 bliadhna de dh'aois, sia carbadan leatha, agus i a' seòladh a-null 's a-nall thar chaolais anns a bheil sruth-mara a tha am measg an fheadhainn as làidire an Alba.

Sgiobair

Tha Iseabail ag ràdh gu bheil i airson a dhol na sgiobair là air choireigin.

"'S toil leam e gu mòr. Tha tòrr rudan ri dhèanamh, agus tha daoine còir agus a h-uile rud," thuirt i.

"Tha mi eòlach air na daoine, agus aon là bha feum agam a dhol air ais airson càirtean-puist fhaighinn airson Mam, agus dìreach bha mi sin airson là a' dol air ais is air adhart.

"An uair sin rinn mi sin an là às dèidh sin, agus dìreach chùm mi a' dol.

"Bha mi dìreach airson cuideachadh airson dà bhliadhna.

"Chan eil i snog nuair nach eil a' ghrian a-muigh, ach tha i ceart gu leòr.

"Chan eil mòran ri dhèanamh ann an Caol Reatha, ach an seo tha mi a' coinneachadh ri daoine ùra a h-uile là agus a' bruidhinn riutha.

"Dìreach a' cuideachadh le bhith a' tionndadh a' bhùird, agus uaireanan bidh mi a' toirt an airgid, agus ag ràdh co mheud dhaoine a th' air bòrd.

"Chan eil mòran trèanaidh ann airson obair an ròp, ach feumaidh tu tòrr a dhèanamh airson a bhith nad sgiobair.

"Tha mi airson a bhith nam sgiobair, agus nuair a tha mi 16 faodaidh mi an ròp a dhèanamh.

"Ach feumaidh mi a bhith 18 airson a bhith nam sgiobair," thuirt i.

'S ann le companaidh coimhearsnachd a tha aiseag Chaol Reatha.

Bidh i a' ruith eadar an Giblean agus meadhan an Damhair.