Eaglaisean clèireach gan gairm còmhla

Eaglais
Image caption Tha 11 eaglaisean clèireach ann an Alba.

Tha làn thìde aig eaglaisean clèireach na h-Alba tighinn còmhla, a rèir an Urr. Iain Ros bhon Eaglais Shaoir, a th' air pàipear ùr a sgrìobhadh mun chùis.

Tha Mgr Ros airson 's gun tèid beachdachadh anns an aithghearrachd air tighinn nas dlùithe.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Modaràtar na h-Eaglaise Saoire a' bruidhinn air eaglaisean clèireach na h-Alba a bhith a' tighinn nas dlùithe ri chèile.

Thuirt Mgr Ros cuideachd, gum faodadh an Eaglais Shaor a bhith mar bhun-stèidh gus brosnachadh a thoirt air fàs agus atharrachaidhean a chur an cèill cuide ris na deich eaglaisean clèireach eile a th' anns an dùthaich.

Tha Modaràtar na h-Eaglaise Saoire, an t-Urr. Iain D Caimbeul air an aon ràmh ris an Urr. Ros, agus tha e fhèin a' deasachadh pàipeir mun chùis.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile