Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An t-Iuchar 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Tha an Riaghaltas ann an Siria 's na Reubaltaich a' cur coire ri chèile airson muirt mòran den t-sluagh ann am baile Tremseh, ann an sgìre Hama ann am meadhan na dùthcha. Tha telebhisean na Stàite ag ràdh gur e ceannaircich a thug ionnsaigh air a' bhaile, ach tha luchd-iomairt air taobh eile ag ràdh gur e feachdan an Riaghaltais a thòisich air an t-sabaid anns an deach còrr is 200 duine a mharbhadh.

Tubaist-rèile

Chaidh aithris gun deach mu 20 duine a mharbhadh agus a cheart uidhir a ghoirteachadh ann an tubaist-trèana ann an Afraga a Deas. Thachair an tubaist nuair a bhuail trèana ann an làraidh ann an ceann an ear-thuath na dùthcha.

Rangers

Tha coinneamh a' tòiseachadh aig Hampden an-dràsta, far a bheil 30 de chlubaichean Lìog Bhuill-choise na h-Alba a' beachdachadh air dè an roinn anns am bi Rangers air an ath-sheusan - a' Chiad Roinn, air neo an Treas Roinn. Tha Comann Buill-choise, agus Prìomh Lìog na h-Alba a' gealltainn cruth-atharrachadh air a' gheama ma gheibh Rangers mar chluba ùr àite sa Chiad Roinn. Ach tha a' mhòr-chuid de na clubaichean lìge air leigeil fhaicinn mar thà gu bheil iad airson an cur dhan Treas Roinn.

Eaglaisean Clèireach

Tha dithis de mhinistearan ainmeil na h-Eaglaise Saoire ag iarraidh tuilleadh aonaidh eadar na h-eaglaisean clèireach, seach a bhith a' sìor chruthachadh eaglaisean fa-leth. Tha an t-Urr. Iain Ros air pàipear ùr a sgrìobhadh air a' chùis sa bheil e ag ràdh gu bheil e fada ceàrr gu bheil 11 de dhiofar eaglaisean clèireach ann an Alba. Tha Modaràtor na h-Eaglaise Saoire, an t-Urr. Iain D Caimbeul, ag aontachadh ris, agus esan e fhèin ag ullachadh pàipeir air a' chùis.

Sgoil-àraic Ealaghoil

Tha coltas ann gun deach Sgoil-àraich Ealaghoil anns an Eilean Sgitheanach a shàbhaladh. Bha i an cunnart dùnadh leis nach i innte ach aon leanabh an dèidh saor-làithean an t-Samhraidh, agus gun ach dùil ri aon leanabh eile an ath-bhliadhna. Ach thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum bi i fosgailte pàirt-ùine, dà là san t-seachdain.

Na Geamaichean Oilimpigeach

Tha triùir anns gach ceathrar an Alba den bheachd nach fhaic iad buannachd sam bith às na Geamaichean Oilimpigeach a tha a' tòiseachadh ann an Lunnainn an ceann beagan is cola-deug. Agus a rèir an sgrùdaidh, a chaidh a dhèanamh am measg 2,000 duine air feadh Bhreatainn, tha leth den t-sluagh den bheachd gur e caitheamh airgid phoblaich a th' anns na Geamaichean.