Maighstir Calum MacGillFhialain

Maighstir Calum MacIllFhiallain Image copyright Other
Image caption Bha Maighstir Calum am measg triùir shagairtean Eileanach a ghabh pàirt anns an t-sreath TBh, An Island Parish.

Thathas a' dèanamh luaidh air Maighstir Calum MacGillFhialain, a chuir seachad bliadhnaichean mòra na shagart ann an Sgìre-easbaig Earra-Ghàidheal 's nan Eilean.

Dh'eug e madainn Disathairne, aig aois 86, an dèidh dha a bhith san ospadal ann an Inbhir Nis beagan sheachdainnean.

Rugadh e ann an Glaschu ann an 1926, ach thogadh e ann an Èirisgeigh.

A thuilleadh air a bhith na shagart, bha e cuideachd aig crìdhe poileataigeach nan Eilean Siar, agus e na chiad Iar-Fhear-Gairm air a' Chomhairle, nuair a chaidh an t-ùghdarras ionadail a stèidheachadh an toiseach ann an 1975.

Chaidh an t-urram Saorsa nan Eilean Siar a bhuileachadh air airson na chuir e ri beatha na sgìre.

Bha miann aige a bhith na shagart bho aois gu math òg, agus chaidh e do Cholaiste Blairs ann an Obar Dheathain.

Às dèidh dha Blairs fhàgail ge-tà, bha aige ri trì bliadhna a chur seachad san Arm, ri linn an Dàrna Cogaidh.

Chaidh e an uair sin don Ròimh, far an do chuir e crìoch air a thrèanadh airson na sagartachd aig a' Cholaiste Albannaich.

Thug e a theisteanas a-mach mar shagart ann an 1953, a' dol an toiseach don Òban agus Dùn Omhainn, agus an uair sin air feadh nan Eileanan mu Dheas.

Bha Maighstir Calum am measg triùir shagairtean Eileanach a ghabh pàirt anns an t-sreath telebhisein An Island Parish, còmhla ri Maighstir Ruairidh MacAmhlaigh agus Maighstir Eòin Pòl MacFhionnghain.

Thèid corp Mhaighstir Chaluim a thoirt do dh'Àrd-Eaglais an Òbain feasgar Diciadain, 's bidh aifreann an sin aig 1:00f Diardaoin.

Thèid e an uair sin a thoirt gu Loch Baghasdail, agus a dh'Èirisgeigh far am bi seirbheis ann nuair a ruigeas an corp.

Bidh aifreann an tòraidh ann an Èirisgeigh madainn Dihaoine aig 11:00m.