Coinneamh ri Oighreachd a' Chrùin
- Air fhoillseachadh

Coinnichidh Fearann Coimhearsnachd na h-Alba ri Àrd-Stiùiriche Choimisein Oighreachd a' Chrùin an t-seachdain seo.
Fhuair mòran briseadh dùil an t-seachdain seo chaidh nuair a chaidh iarrtas gun deadh cumhachdan a' Choimisein a sgaoileadh gu na coimhearsnachdan, a dhiùltadh.
Tha dùil gun tèid bruidhinn air mar a ghabhadh barrachd smachd a thoirt do choimhearsnachdan air a' mhuir a tha timcheall orra.
Gu dearbha, tha fear a tha an sàs ann an tè de na coimhearsnachdan sin, Tormod MacThòmais bho Urras Oighreachd Ghabhsainn, ag ràdh gum bu chòir do choimhearsnachdan a gheibh am fearann fhèin, cuideachd na còirichean mara fhaighinn.
"An rud a bu chaomh leinn a bhith a' tachairt 's e seo: Gum biodh sealbh aig na coimhearsnachdan agus na h-urrasan a tha an dèidh an talamh aca fhèin a cheannach, air a' mhuir a-mach far a bheil na leasachaidhean a tha sin a' dol air adhart," thuirt Mgr MacThòmais.
"Gum biodh barrachd airgid an uair sin a' tighinn a-steach, a chuidicheadh na coimhearsnachdan an àite mar a tha an t-airgead an-dràsta a' dol gu Oighreachd a' Chrùin," thuirt e.