3 troimhe ann an Cupa na Camanachd

Caman
Image caption Bidh dà sgioba bhon cheann a deas agus a dhà bhon cheann a tuath san iar-chuairt dheireannaich.

Tha fios a-nise air 3 de na sgiobaidhean san iar-chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd às dèidh gheamaichean an deireadh-seachdain.

Fhuair Ceann Loch Seile àite san ìre seo den fharpais son a' chiad turais nuair a rinn iad a' chùis air Lòbhat 3-1.

Bha iad air thoiseach 2-0 aig letheach ùine le tadhail bho Chè MacRath agus a bhràthair Fionnlagh.

Thàinig Lòbhat air ais le slaic-pheanais bho Greg MacMhathain, fear òg a tha air an t-uamhas de thadhail a chur mar thà air an t-seusan seo, ach rinn Ceann Loch Seile cinnteach air an àite aca san ath-chuairt le tadhal bho Jordan Friseal le cairteal na h-uaireach ri dhol.

Beagan eachdraidh mar sin do Cheann Loch Seile agus iad a' soirbheachadh gu mòr sa chiad sheusan aca aig an ìre as àirde den gheama.

Dhearbh iad mar tha gun urrainn dhaibh a' chùis a dhèanamh air sgioba sam bith agus cha bhi dad de dh'eagal orra a' dol a-steach dhan iar-chuairt dheireannaich.

Soirbheachadh

Tha Caol Bhòid cuideachd troimhe is iad air soirbheachadh 5-2 an aghaidh Chamanachd an Eilein Sgitheanaich ann am Port Rìgh.

'B e geama faisg a bha seo a dh'aindeoin is gun robh 3 tadhail eadar na sgiobaidhean air a' cheann thall.

Dà thuras sa chiad leth chaidh sgioba Thaigh na Bruaich air thoiseach agus dà thuras thill na Sgitheanaich air ais co-ionnan, mus do chuir Tòmas Whyte tadhal eile dìreach ron fhideag son an gnothach fhàgail 3-2 do Chaol Bhòid aig leathach ùine.

'B ann mar sin a bha e son pìos math den dàrna leth ach thàinig tadhail eile do Chaol Bhòid bho Dhonnchadh MacIlle'Chiar (64) agus Friseal Dòmhnallach (73) agus an t-àite aca san ath-chuairt sàbhailte.

Tha Caol Bhòid a-nise ann an suidheachadh làidir le cothrom air Cupa na Camanachd agus a' Phrìomh Lìog ach chan eil teagamh nach bi sgioba òg an eilein air na h-uidhir ionnsachadh bhon gheama.

'S iad Inbhir Aora an sgioba eile a tha troimhe dhan iar-chuairt dheireannaich.

Buille

Bha an sgioba aig Iain Smylie air buille fhulang bho chionn seachdain nuair a chaill iad 4-3 an aghaidh Chamanachd an Òbain ann an Cupa MhicAmhlaidh.

'B e sin a' chiad turas a chaill Inbhir Aora geama chupa fad an t-seusain agus rinn iad toiseach-tòiseachaidh làidir air falbh an aghaidh Cill Mhàilidh Disathairne, Anndra MacMhurchaidh agus Crìsdean Crawford gan cur 2-0 air thoiseach aig leathach ùine.

Fhuair Ryan Stiùbhairt tadhal air ais do Chill Mhàilidh mus do chuir Crawford tadhal eile.

Chum Cille Mhàilidh a' dol agus fhuair iad air ais gu 3-2 ach dh'fhailich orra an tadhal eile a lorg is chaidh Inbhir Aora troimhe.

Cha tig fios air cò an ceathreamh sgioba a bhios san iar-chuairt dheireannaich gu deireadh na mìos nuair a thèid Baile Ùr an t-Slèibh an aghaidh Loch Abair.

Cha robh ach aona gheama sa Phrìomh Lìog Disathairne agus nuair a chrìochnaich e bha Bòd ann an staing fiùs nas miosa aig a' bhonn, is Gleann Urchadain a' soirbheachadh 4-1 ann am Baile Bhòid.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile