Taghadh Chupa na Camanachd

Chaidh an taghadh a dhèanamh son iar-chuairt dheireannach Chupa na Camanachd.

Tha na geamaichean mar a leanas;

Caol Bhòid v Baile Ùr an t-Slèibh / Loch Abair.

Ceann Loch Seile v Inbhir Aora.

Thèid an geama eadar Baile Ùr an t-Slèibh is Loch Abair air adhart air an 28mh là den Iuchar.

Bidh na h-iar-chuairtean deireannach fhèin ann Disathairne an 4mh den Lùnasdal agus Disathairne 11mh den Lùnasdal agus thèid an dà gheama a chraoladh beò air BBC ALBA.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile