Tioram air Tìr
- Air fhoillseachadh

Chaidh stad a chur air a bhith ag iasgach air cuid de dh'aibhnichean ann an Leòdhas, ri linn 's gu bheil an t-uisge cho ìosal annta.
Fhad 's a tha pàirtean eile de Bhreatainn fo uisge, dh'fheumadh seachdain de dh'uisge trom a bhith ann an Leòdhas airson na h-àibhnichean a thoirt air ais gu mar is àbhaist dhaibh a bhith.
Tha aon oighreachd le bradain glacte ann an lòn faisg air a' mhuir gun iad a bhith comasach air tighinn no falbh.
Bradain Fiadhaich
Tha dragh ann mun bhuaidh a tha seo a' toirt air stoc a' bhradain fhiadhaich.
"Tha an abhainn cho ìosal 's a chunna' mi bho chionn iomadach bliadhna," thuirt Siamarlan Urras Steòrnabhaigh, Iain MacÌomhair.
"Ach chan e a-mhàin gu bheil i ìosal, tha i air a bhith anns an staid a tha seo a-nis bho chionn tha mi a' creidsinn dhà no trì sheachdainnean.
"Chan e a-mhàin gu bheil uallach oirnn mu dheidhinn iasg a bhith a' faighinn suas bho bheul na h-àibhne, ach an t-iasg a tha anns an abhainn mar thà, agus gu h-àraid an t-iasg òg.
"'S e sìol òg a th' anns an abhainn, tha iomagain oirnn a thaobh sin, oir tha na h-eòin a' faighinn cothrom orra, agus cuideachd leis a' bhlàiths agus dìth an uisge 's na sluic anns am faigh iad fasgadh, tha sin a' tiormachadh an-àirde, agus tha cunnart ann gun tèid tòrr dheth sin a chall.
"Chaidh am bùrn a th' air a ghlasadh a leigeil às airson feuchainn ris an t-iasg a chumail, ach mur a tig uisge a dh'aithghearr cha bhi am bùrn sin ann a bharrachd," thuirt e.