Càin ri linn aodion ola an Linne Chrombaidh

Chaidh càin de £9,000 not a chur air a' chompanaidh dibhe Whyte and MacKay an dèidh dhaibh an cionnt aideachadh co-cheangailte ri aodion ola ann an sgìre air an robh inbhe ghlèidhte.

Dhòrt cha-mhòr 20,000 liotair de dh'ola às Ionad na Companaidh ann an Inbhir Ghòrdain a-steach do Linne Chrombaidh bho chionn faisg air bliadhna.

Tha Linne Chrombaidh air a comharrachadh air sgàth na tha de dhiofar sheòrsaichean eòin tighinn beò timcheall air.