Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An t-Iuchar 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ìre na h-Atmhorachd

Thuit an Atmhorachd nas motha na bha dùil, dhan ìre as ìsle bhon t-Samhainn ann an 2009. Chaidh an Clàr Ceannaich (CPI) sìos bho 2.8% anns a' Chèitean gu 2.4% anns an Ògmhios. Bha an ìre nas ìsle, a rèir eòlaichean, ri linn 's gun robh biadh agus aodach nas saoire, agus cosgaisean bathair.

Pòsadh Gèidh

Coinnichidh Riaghaltas na h-Alba an-diugh a dheasbad phlanaichean a bheireadh cead do phòsaidhean gèidh. Dh'fhaodadh gur i Alba a' chiad phàirt den Rìoghachd far am biodh an leithid ceadaichte. Ach tha na planaichean connspaideach, agus tha ceannard na h-Eaglaise Caitligich, Keith O'Brien, ag ràdh gum feum referendum a bhith ann.

G4S

Tha dùil gun cuir Buill-Phàrlamaid ann an Westminster ceistean cruaidh an-diugh air Nick Buckles, ceannard na companaidh tèarainnteachd G4S mu carson a dh'fhailich orra luchd-obrach gu leòr fhastadh airson nan Geamaichean Oilimpigeach. Thèid Mgr Buckles mu choinneimh Comataidh Thaghte Chùisean na Dùthcha tràth feasgar.

Blàthachadh na Cruinne

Cha tàinig Riaghaltas na h-Alba a rèir nam figearan a chuir iad romhpa fhèin airson dèiligeadh ri blàthachadh na Cruinne ann an 2010. Chaidh greenhouse gasses mar a theirear riutha suas mu 1.9% air a' bhliadhna sin, agus thuirt Ministear na h-Àrainneachd, Stiùbhart Stevenson, an-diugh gur e cho fìor fhuar 's a bha i ann an 2010 a bu choireach. Thuirt Mgr Stevenson gun ruig Alba fhathast ge-tà ri an targaid de ghearrdh 42% ann an gasaichean millteach ro 2020.

Dèiseadh Chloinne

Tha buidhnean carthannais chloinne ag iarraidh casg air dèiseadh chloinne ann an Alba. Tha an caidreachas fon ainm "Children are Unbeatable" ag ràdh gu bheil òigridh airidh air an aon sheòrsa dìon fon lagh agus a tha air inbhich.

Taigh-spadaidh

Nì Colaiste an Àiteachais sgrùdadh air an fhiach taigh-spadaidh a stèidheachadh a-rithist anns an Eilean Sgitheanach. Tha 20 bliadhna ann bho dhùin an taigh-spadaidh ann am Port Rìgh, agus on uair sin bha mòran a' cur bheathaichean a dh'Inbhir Pheofharain airson an spadadh agus an cur às a chèile. Tha beachd ann nam b'e goireas pàirt-ùine a bh' ann gum biodh e nas fhasa a ruith.