Casg air obair niuclasach ann am Bàgh an Eige

Bàt-aigeann niuclasach Image copyright Kyle Taxi Company/PA Wire
Image caption Chaidh moladh gum bu chòir an obair a dhèanamh air falbh bho bhailtean mòra.

Thuirt a' bhuidheann dham buin gàradh Bhàgh an Eige air Taobh Sear Rois nach eil coltas sam bith ann gun tèid bàtaichean-aigeann niuclasach a' Chabhlaich Rìoghail a thoirt às a chèile air an làraich.

Thuirt Global Energy nach tachair sin leis gu bheil casg air obair niuclasach sam bith ann an tiotail-chlàir na làraich.

Tha an MoD air conaltradh poblach a dhèanamh mar thà a' faighneachd dhan t-sluagh càite am bu chòir na bàtaichean-aigeann niuclasach a bhristeadh agus a thoirt às a chèile.

Tha Ceannard Ministreachd an Dion ag ràdh gum bu chòir an obair sin a dhèanamh aig Ros Saoigh ann am Fìobha agus Devonport an ceann a deas Shasainn a' cruthachadh corr 's ceud cothrom cosnaidh sgileil.

Ach thill beachd bhon chonaltradh poblach cuideachd gum bu chòir an obair sin a dhèanamh air làraich nach eil faisg air bailtean mòra, agus chaidh Faslann air Linne Chluaidh ainmeachadh, a thuilleadh air Bàgh an Eige.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile