MOD air dà chorp a thoirt à Linne Mhoireibh

  • Air fhoillseachadh
an Luchd-adhair a bhàsaich san tubaistTùs an deilbh, MOD
Fo-thiotal an deilbh,
Luchd-adhair (bho chlì): Sqn Ldr Samuel Bailey, Flt Lt Hywel Poole and Flt Lt Adam Sanders.

Tha Ministreachd an Dìon ag ràdh gun d'fhuair iad lorg air cuirp an dithis fhear-adhair a th' air a bhith a dhìth bho thàinig dà itealan Tornado a-nuas ann an Linne Mhoireibh o chionn dà sheachdain.

Thuirt iad gu bheil iad air corp Flt Lt Adam Sanders aithneachadh.

Tha fear eile a bhàsaich san tubaist, am Flt Lt Hywel Poole, ga thiodhlacadh Diciadain ann am Bangor sa Chuimrigh, às dèidh mar a fhuair e bàs ann an Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Thèid an t-seirbheis airson Hywel Poole a chumail ann a Cathair-Eaglais Bhangor.

Tùs an deilbh, MOD
Fo-thiotal an deilbh,
Thogadh Mgr Poole ann an Ynys Mon.

Chaidh Flt Lt. Poole, a bha 28, a thogail ann an Ynys Mon (Anglesea), agus chaidh e a-steach don RAF air dhà ceumnachadh bho Oilthigh Southampton.

Bha e na bhall den sguadran trèanaidh a tha stèidhichte aig RAF Inbhir Lòsaidh, agus e a' trèanadh airson a bhith na phìleat air na h-itealain Tornado.

Chaidh Mgr Poole a thogail às an uisge 's a thoirt do dh'Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis, far an d'fhuair e bàs.

Tha an ceathramh duine - fear-trèanaidh a thogadh a-mach às an uisge còmhla ri Mgr Poole - a' faighinn leigheis shònraichte san ospadal.