Uallach mu chòmhdhail Earra-Ghàidheal
- Air fhoillseachadh

Bhuail an trèana ann an clachan a bh' air tighinn a-nuas faisg air Loch Obha.
Tha BPA Earra-Ghàidheal, Mìcheal Russell, air uallach a nochdadh mu cho tric 's a tha droch shìde a' cur maill air seirbheisean còmhdhail san sgìre.
Bha Mgr Russell a' bruidhinn às dèidh do mhaoim-slèibhe stad a chur air trèana air an t-slighe eadar an t-Òban agus Glaschu Diciadain.
Bhuail an trèana ann an clachan a bh' air tighinn a-nuas far bruaiche.
Cha deach duine a ghoirteachadh ach bidh an loidhne dùinte gus an tèid a dèanamh sàbhailte.