Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An t-Iuchar 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Prìs na Dibhe

Dhearbh Comann Uisge-beatha na h-Alba gun dèan iad tagradh an aghaidh plana Riaghaltas na h-Alba airson bun-phrìs air deoch-làidir. Tha an Comann a' cur gearain dhan Choimisean Eòrpach, agus a' togail cùis ann an cùirtean lagha na h-Alba. Tha an Comann ag ràdh gum biodh an lagh ùr a' briseadh riaghailtean malairt na h-Eòrpa, a' milleadh gnìomhachas na dibhe, agus iad cuideachd ag ràdh nach dèanadh e dad de dh'fheum a thaobh dèiligeadh ri trioblaidean dibhe.

Lloyds

Tha Buidheann Banca Lloyds a' reic còrr is 600 meur ris a' Cho-op air £750m. Tha mu 180 meur an Alba san aonta seo a bheir còig millean de luchd-cleachdaidh ùr agus cha-mhòr 1,000 meur uile gu lèir do Bhanca a' Cho-op. Buinidh cha-mhòr leth de Lloyds dhan Riaghaltas, agus chaidh òrdachadh gun gabh earrainn den bhuidhinn a reic gus an tig iad a rèir lagh Eòrpach air taic-airgid stàite.

Siria

Tha am Prìomhaire Dàibhidh Camshron a' cur tuilleadh cuideim air an Ruis an taic a chur ri tuilleadh chasg-bhannan air an Riaghaltas ann an Siria. Bha sabaid a' dol feadh na h-oidhche a-rithist ann am prìomh bhaile Siria Damascus far an deach triùir de dh'àrd-oifigich an Riaghaltais a mharbhadh ann an sprèadh an-dè.

Co-chomhairleachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh beachd an t-sluaigh mun dòigh as fheàrr air airgead na Comhairle a chur gu feum. Thòisich co-chomhairleachadh ùr an t-seachdain seo a' coimhead gu sònraichte air prògram cosgais airson an ath chòig bliadhna, agus tha a' chiad earrainn den cho-chomhairleachadh sin a' dol gu deireadh an Lùnastail.

Citylink

Tha gearain ann gu bheil a' chompanaidh bhusaichean Scottish Citylink ri farpais mhì-chothromach an aghaidh companaidh eileanaich Lochs Motor Transport air an t-seirbheis eadar Ulapul 's Inbhir Nis. Thòisich Lochs Motor Transport a' ruith bus air an t-slighe bho chionn cola-deug, ach bhon uair sin chuir Citylink bus eile air an t-seirbheis, agus leig iad na fearaidhean aca.

Oighreachd a' Chrùin

Thèid oifigich Oighreachd a' Chrùin dha na h-Eileanan an Iar an ath-sheachdain a bhruidhinn ri coimhearsnachdan a ghabh sealbh air an fhearann. Bidh iad a' deasbad dè tha am beachd Oighreachd a' Chrùin anns na h-Eileanan, an dèidh do Roinn an Ionmhais innse an t-seachdain seo chaidh nach eil iad deònach smachd air còirichean mara is eile a thoirt do bhuidhnean ionadail ann an Alba.