Geama mòr an Taigh na Bruaich

Baile Ùr an t-Slèibh an aghaidh Chaol Bhòid.
Image caption Chrìochnaich an geama mu dheireadh eadar an dà sgioba co-ionnan 3-3.

'S ann an Taigh na Bruaich a bhios geama mòr an là san iomain Disathairne agus Caol Bhòid a' dol an aghaidh Bhaile Ùr an t-Slèibh.

Chuir na sgiobaidhean seo an seusan a chaidh seachad a' strì son tiotail na Prìomh Lìge - strì a bhuannaich Baile Ùr an t-Slèibh le cha-mhòr an slaic mu dheireadh den gheama mu dheireadh den t-seusan.

Am bliadhna tha na sgiobaidhean ceangailte aig a' mhullach a-rithist is iad le chèile air 18 puingean bho 12 geamaichean.

"Chan eil an geama seo a' dol a dhearbhadh cò bhuannaicheas an lìog - ach gu dearbh 's ann a bhios làmh an uachdair aig an sgioba a gheibh 2 phuing às," thuirt manaidsear Chaol Bhòid, Seumas Perlich.

Cha do thòisich Caol Bhòid an seusan seo cho math ach tha iad air puingean gu leòr a chruinneachadh agus tha feadhainn de na cluicheadaran as fheàrr aca - a bha air an goirteachadh - a-nise air ais.

Cothrom

"Tha a h-uile duine fut a-nise agus tha sinn aig an taigh - mar sin 's e cothrom a tha seo measadh a dhèanamh air dè an ìre aig a bheil sinn an drasta," thuirt Perlich.

Do Bhaile Ùr an t-Slèibh 's e geama fìor chudromach a tha seo nan oidhirp a' Phrìomh Lìog a bhuannachadh trì bliadhnaichean ann an sreath.

"Bidh e doirbh Disathairne ach 's e ceum mòr a bhiodh ann a dh'ionnsaigh an tiotail nan dèanadh sinn a' chùis," thuirt manaidsear a' Bhaile Ùir, Brick MacArtair.

"Nam faigheadh sinn 2 phuing bhiodh an gnothach nar làmhan fhèin agus bhiodh fìu 's puing nar fàbhar," thuirt e.

Bha na geamaichean eadar na sgiobaidhean an-uiridh teann agus bha iad co-ionnan 3-3 ann am Baile Ùr an t-Slèibh nas tràithe air a' bhliadhna seo.

Làidir

Cha bu chòir gum bi cus eatarra Disathairne - ach tha Caol Bhòid anabarrach làidir air a' phàirc bhig aca fhèin ri taobh a' chaolais agus 's dòcha gun toir sin làmh an uachdair dhaibh.

Bidh geama mòr aig a' bhonn cuideachd le Cill Mhàilidh a' tadhail air Inbhir Aora agus cruaidh fheum aca air na puingean son an t-àite aca sa Phrìomh Lìog a ghlèidheadh.

Chan eil ach 3 geamaichean air fhàgail aig Cill Mhàilidh agus tha fios aca gum feum iad a h-uile gin dhuibh a bhuannachadh son cothrom fuireach aig an ìre as àirde.

Rinn Inbhir Aora a' chùis 3-2 nuair a choinnich an dà sgioba ann an Cupa na Camanachd Disathairne seo chaidh agus bhiodh an sgioba aig Iain Smylie riaraichte gu leòr le puing bhon gheama seo.

Sna trì gheamaichean eile sa Phrìomh Lìog thèid Ceann a' Ghiuthsaich an agaidh Eilean Bhòid, Lòbhat an aghaidh a' Ghearasdain agus Ceann Loch Seile an aghaidh Ghlinne Urchadain.

Cupa

Tha geama mòr chupa ann Disthairne cuideachd agus A' Mhanachainn agus Loch Abar a' coinneachadh ann an Srath Pheofhair son Chupa a' Bhaile Mhòir.

Tha Loch Abar a' dol gu math am bliadhna is iad ann an suidheachadh làidir san Lìog agus geama mòr a' feitheamh riutha fhathast ann an Cupa na Camanachd an aghaidh Bhaile Ùr an t-Slèibh.

Gheibh iad dùbhlan bhon Mhanachainn ach 's neònach mur am bi Cupa a' Bhaile Mhòir air ais ann an Drochaid an Aonachain oidhche Shathairne.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile