Ceistean mu sheirbheis smàlaidh nàiseanta
- Air fhoillseachadh

A rèir Riaghaltas na h-Alba, tha a h-uile coltas ann gum bi cùisean deiseil airson aon sheirbheis smàlaidh ann an Alba bhon Ghiblean an ath-bhliadhna.
Ach tha aithisg le Coimisean nan Cunntasan ag ràdh gu bheil eadar-dhealachaidhean ann fhathast eadar na h-ochd seirbheisean smàlaidh a th' ann an-dràsta.
Tha dragh air a' Choimisean nach eil co-dhùnaidhean air an dèanamh fhathast mu cheistean bunaiteach mun t-seirbheis a tha gu bhith ann.
Tha iad ag ràdh gu bheil mì-chinnt ann fhathast mu dheidhinn leithid uairean obrach, agus luchd-obrach na seirbheis.
Dh'fhaodadh gun tèid ceannard airson na seirbheis smàlaidh nàiseanta ùir ainmeachadh an ceann beagan sheachdainnean.
Thathas ag obair mar thà air prìomh oifisean eadar-amail na seirbheis ùir ann am Peairt.
A rèir Comann Cheannardan nan Oifigearan Smàlaidh, chan fhaic daoine eadar-dhealachadh sam bith anns an t-seirbheis a tha iad a' fàighinn bhon Ghiblean an ath-bhliadhna.