Iomairt an aghaidh ùrnaighean aig Comhairle na Gàidhealtachd

Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Tha an Comann ag ràdh nach eil ùrnaighean laghail aig coinneamhan comhairle.

Tha Comann Nàiseanta na Saoghaltachd ag iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd sguir de chumail ùrnaighean aig toiseach nan coinneamhan aca.

Fhuair an Comann òrdugh-cùirteach mar thà ann an Sasainn ag ràdh nach eil an leithid laghail aig coinneamhan comhairle oifigeil.

Tha iad ag ràdh gu bheil an aon rud fìor ann an lagh an h-Alba, 's tha iad a' sgrìobhadh gu Comhairle na Gàidhdealtachd a ràdh sin riutha.

Tha mòran chomhairlean ann an Sasainn air sguir de dh'ùrnaighean aig fìor thoiseach nan coinneamhan aca, an dèidh iomairt bho Chomann na Saoghaltachd.

Thuirt a' chùirt ann an Sasainn nach robh cead laghail aig comhairlean ùrnaigh a bhith na pàirt dhen choinneimh oifigeil.

Ged a tha Riaghaltas Westminster air taic a chur ri ùrnaighean, tha eagal air comhairlean a-nis gun tèid an toirt gu lagh.

Ann an Alba, tha comhairlean Dhùn Èideann is Dhùn Phris air sguir dhiubh, 's air "àm meòrachaidh" a stèidheachadh deich mionaidean ro làimh.

Tha Comann na Saoghaltachd a' sgrìobhadh gu Comhairle na Gàidhealtachd a ràdh nach eil an leithid freagarrach fiù 's ann an sgìre a tha gu traidisanta Crìosdail.

Thuirt a' Chomhairle nach d'fhuair iad an litir fhathast.

Ach tha grunn chomhairlichean ag ràdh nach bu chòir gèilleadh dhan Chomann.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile