Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An t-Iuchar 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cìsean

Tha ministear à Roinn an Ionmhais, Daibhaidh Gauke, ag ràdh gu bheil e mì-mhoralta do dhaoine a bhith a' pàigheadh luchd-ciùird le airgead nam pòcaid mar dhòigh air cìsean a' sheachnadh. Thuirt Mgr Gauke gu bheil sin a' cosg cho mòr ri dà billion not do Roinn an Ionmhais. Ach tha eolaichean den bheachd gu faodadh na beachdan sin mealladh air an Riaghaltas le luchd ciuird ag ràdh gur e àrdacadh ann an cìs VAT is coireach ris an trioblaid.

Moodys

Tha riaghaltas na Spàinn a feuchainn ri airgead a' thogail air na margaidean eadarnàiseanta an deidh dhan chosgais air iasad aca eirigh dhan ire 's àirde fhathast an dè. Tha a bhuidheann creidis, Moodys, air am beachd air suidheachadh eaconomaiceach na Greig, na h-Olaind agus Luxembourg a' lùghdachadh le coltas ann gu feum na dùthchannan sin cobhair a dhèanamh air an Spàinn no an Eadailt.

Banca Anglo Irish

Chaidh fear a bha na àrd-oifigear air Banca Anglo Irish, Sean Fitzpatrick, a chuir an greim an deidh rannsachaidh polais. B'fheduar luach billionan not de chobhair a' dhèanamh air a bhanca a' chaidh fodha ann an 2009 aig àirde eiginn an ionmhais. Tha na polais air a bhith a' rannsachadh chasaidean gun do dh'fheuch Mgr Fitzpatrick ris a chall airgid aig a bhanca a' chumail am falach.

Caineat

Tha Cabineat na h-Alba a' coinneachadh ann am Port Rìgh an diugh aig toiseach na cuairt bhliadhnail samhraidh aca. An deidh na coinneimh bidh cothrom aig a mhòr-shluagh ceistean a chuir air a Phrìomh Mhinistear Ailig Salmond agus ministeirean eile an riaghaltais.

Àrd Eusbuig

Theid Àrd-Easbuig ùr Ghlashcu ainmeachadh san ath uair de thìde. Tha am Pàpa air Àrd Easbuig ùr a thaghadh an aite an Ard Easbuig Mario Conti, a tha air a bhith 'san dreuchd bho 2002, an deidh bàis a Chardinal Thomas Winning.

Leveson

Seo an latha mu dheireadh de rannsachadh poblach Leveson mu dhòighean obrach nam paipearan naidheachd. Ghabh an rannsachadh a thosich 'san t-Sultainn an uiridh agus a chosg coig gu leth million not, fianais bho chorr's ceithear cheud agus tri fchead duine 's deich.