Tuathanaich-bhainne a' togail fianais aig bùth ùr Asda

Bùth ùr Asda, Inbhir Nis
Image caption Tha tuathanaich air a bhith gearrain nach eil iad a' faighinn prìs cothromoch son a bhaine aca

Tha tuathanaich-bhainne na Gàidhealtachd air a bhith togail fianais aig fosgladh oifigeil bùth ùr Asda ann an Inbhir Nis.

Tha na tuathanaich air a bhith a' gearain nach eil iad air a bhith a' faighinn prìs reusanta son a' bhainne aca.

Gheall Asda gum biodh am bainne a bu shaoire ann an Alba ri fhaighinn anns a' bhùth ùir a dh'fhosgail Diluain ann an Inbhir Nis, a' cur a' chaothaich air tuathanaich.

Ach thuirt Asda gu bheil iadsan air a bhith ag èisteachd ris na tuathanaich 's tha iad air àrdachadh an airgid a tha iad a' toirt dhaibh son a' bhainne aca.

£27 millean not

Tha Asda air a bhith a' strì iomadh bliadhna airson àite fhaighinn ann am baile Inbhir Nis, agus seo a' chiad bhùth aca sa bhaile.

Chaidh na planaichean airson a' bhùth fhoillseachadh bho chionn 6 bliadhna le cosgais de £27 millean not na chois.

Tha dòchas gun tig prìsean a-nuas leis a' cho-fharpais a tha a' dol eadar na bùithtean sa bhaile, air an deach am far-ainm "Tesco Town" a thoirt roimhe.

Thuirt neach-labhairt Asda gun robh iad toilichte a bhith toirt chosnaidhean ùra dhan Ghàidhealtachd aig àm nuair a tha an eaconomaidh ann an staing.