Clach Mhariota a' dol dhachaidh

Clach Mhariota
Image caption Tha an clach 500 bliadhna a dh'aois

Chaidh seann chlach ainmeil - Clach Mhariota - a thilleadh dhan chladh as an robh i bho thùs san Ros Mhuileach.

'Se clach gu math sònraichte a th'innte 's i còrr is 500 bliadhna a dh'aois, agus chithear sgrìobhte oirre ann an Laideann 'An seo tha Mariota na laighe'.

Chan eil fhios cò i, no cò às a bha Mariota, ach tha h-uile coltas ann gur e criosdaidh a bh'innte leis gu bheil crois air a' chloich.

Alba Aosmhor

Thairis air na linntean tha an aimsir air a bhith a' toirt droch bhuaidh air a' chloich agus b' fheudar a toirt air falbh son obair càradh.

'Se Alba Aosmhor a bhios a' dèanamh na seòrsa obrach seo, agus chaidh a glanadh gu proifeiseanta.

Chaidh a' chlach a thilleadh a Mhuile bho chionn greis 's i air a taisbeanadh ann an Ionad Eachdraidh Bhun Essain son 's gu faiceadh muinntir an eilein i.

Ach air an deireadh sheachdain chaidh seirbheis dà-chànanach a chumail ann an cladh Chille MhicEòin son comharrachadh gu bheil i air tilleadh dhachaidh dhan Ros Mhuileach.

Tha bocsa dìon timcheall na cloiche a-nis airson a dìon bhon aimsir.